Episode details

Available for 29 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 116: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e an t-Urramach Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois. Salm 107: 28-30 air fonn Kilmarnock agus 's e Seonaidh Mac a' Mhaoilein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac. Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 13: 1,3-4,8,11,16-18 & 14: 1, 9-13 Ceann-teagaisg: Leabahr an Taisbeanaidh 14: 13 Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thà inig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e 18. Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca. Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte ann an Steòrnabhagh, agus roimhe sin bha e na mhinistear air coitheanal Ghlaschu. Chur e ùine seachad cuideachd na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Programme Website