Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Allt an t-Siùcair
- A' dol thar Allt an t-Siùcair
- Am madainn chùbhraidh Chèit,
- Is paidirean geal dlùth-chneap
- Den driùchd ghorm air an fheur,
- Bha Richard 's Robin brù-dhearg
- Ri seinn, 's fear dhiubh na bheus,
- 'S goic moit air cuthaig chùl-ghuirm,
- 'S gug-gùg aic' air a' ghèig.
- Bha smeòrach cur na smùid dhith
- Air bacan cùil leath' fèin;
- An dreathann-donn gu sùrdail,
- 'S a rìfeid-chiuil na bheul;
- Am breacan-beithe 's lùb air,
- 'S e gleusadh lùth a theud;
- An coileach-dubh ri dùrdan,
- 'S a' chearc ri tùchan rèidh.
- Na bric a' gearradh shùrdag,
- Ri plubraich dhlùth le chèil',
- Taobh leumraich mear le lùth-chleas
- À bùrn le mùirn ri grèin;
- Ri ceapadh chuileag siùbhlach
- Lem briseadh lùthmhor fèin:
- Druim lann-ghorm 's ball-bhreac giùran,
- 'S an lainnir-chuil mar lèig.
- Mil-dheocla sheillean srianach,
- Le crònan 's fiata srann,
- Nan dithibh baglach, riabhach
- Mud bhlà thaibh grianach chrann;
- Sraibh-dhriùchdain dhonna, thiachdaidh
- Fo shinean cìochan t' fheòir,
- Gun theachd-an-tìr no bhiadh ac'
- Ach fà ileadh ciatach ròs.
- Gur milis, brisg-gheal, bùrn-ghlan,
- Meall-chùirneanach 's binn fuaim
- Bras-shruthain Allt an t Siùcair,
- Ri torman siùbhlach luath;
- Gach biolair 's luibh len ùr-ròs
- A' cinntinn dlùth mu bhruaich,
- 'S e toirt dhaibh bhuadhan sùghmhor,
- Gan sùgh bheathachadh mun cuairt.
- Bùrn tana, glan, gun ruadhan,
- Gun deathach, ruaim no ceò,
- Bheir anam fà is is gluasaid
- Da chluaineagan mu bhòrd;
- Gaoir bheachan buidhe 's ruadha
- Ri diogladh chluaran òir,
- 'S cìr mheala da cur suas leo
- An cèir-chuachagan nan stòr.
- Bidh lòchrain mheal' a' lùbadh
- Nan srà bh, 's brù air gach gèig
- De mheasan milis cùbhraidh
- Nan ùbhlan is nam peur;
- Na duilleagan a' liùgadh,
- Is fallas cùil diubh fèin;
- 'S clann bheag a' gabhail tùchaidh
- Dan imlich dlùth lem beul.
- Do bhrat là n shradag daoimein,
- Do bhraon nì soills' air là r;
- An carpad 's gasta foineal,
- Gun a cho-foidhn am Whitehall;
- Mud bhearradh gorm-bhreac coillteach
- An cinn an loinn le h-Ã l
- Na seòbhraichean mar choillnean
- Nan coillearaibh nad sgà th.
- O, 's grinn an obair ghrà bhail
- Rinn NÃ dar air do bhruaich,
- Led lurachain chreamhach, fhà smhor,
- 'S am buicean bà n orr' shuas;
- Gach saimir, neòinean 's mà sag
- Mìn-bhreac air là r do chluain,
- Mar reultan reòtht' an deà rrsadh,
- Nan spangan à lainn nuadh.
- O, lilidh, rìgh nan flùran,
- Thug bà rr mais' air ùr-ròs gheug!
- Na bhabagan cruinn, plùr mhin,
- 'S a chrùn geal, ùr mar ghrèin;
- Don uisg' ud, Allt an t Siùcair,
- 'S e cùbhraidh da o bheud,
- Na rionnagan mu lùbaibh,
- Mar reultan-iùil nan speur.
- Do shealbhag ghlan 's do luachair
- A' bòrcadh suas mud chòir;
- Do dhìthein lurach, luaineach,
- Mar thuairneagan den òr;
- Do phris là n neada cuachach,
- Cruinn, cuairteagach aig t' eòin;
- Bà rr braonain 's an t-sà il-chuachaig
- Nan dos an uachdar t' fheòir.
Allt an t-Siùcair
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
