'S e Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, ann am beachd mòran, sà r-bhà rd Gà idhlig na h-18mh linn agus fear de na bà ird Ghà idhlig a b' fheà rr a bha ann riamh.
Tha foghlam farsaing aig Mac Mhaighstir Alasdair agus eanchainn gheur. Tha sgil sònraichte aige le cà nan agus rannaigheachd agus mac-meanmna ar leth cruthachail. Thug e a-steach grunn chuspairean agus stoidhlichean ùr dhan Ghà idhlig agus tha buaidh mhòr air a bhith aige air na bà ird Ghà idhlig a thà inig às a dhèidh.
Tha faisg air an dara cuid den bhà rdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair mu ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745/6, iomairt ris an do chuir e a thaic mar shaighdear agus mar bhà rd, ach rinn e dà in is òrain cuideachd air raon farsaing de chuspairean eile, nam measg: nà dar (b' e fear den chiad bhà ird Ghà idhlig a rinn seo), Clann Rà ghnaill, gaol agus boireannaich, cuspairean èibhinn (nam measg drabastachd agus aoirean) agus cuspairean farsaing leithid nà dar na bà rdachd agus na Gà idhlig.
Bha farsaingeachd de chuspairean na bhà rdachd
'S iomadh cuspair a th' aig Mac Mhaighstir Alasdair. Mar a tha, mar a tha bà ird ùr-fhasanta sam bith an-diugh, tha iad beò ann an saoghal gu math farsaing, saoghal iomadh-dhathte, 's tha sin ann.
Dh'fhaodadh tu roinnean a dhèanamh, roinnean de chuspairean ann am bà rdachd Mhaighstir Alasdair. Gun teagamh sam bith tha bà rdachd a tha poilitigeach, car coltach ri can as an 20mh linn, protest song, agitprop drama, sin a' bhà rdachd a bha a' moladh adhbhar nan Seumasach. Tha sin ann, agus bha e gu math cruthachail le feadhainn dhe na rudan a rinn e an sin, mar eisimpleir, a' cuir tionndadh ann an gnè bà rdachd a bhuineadh do bhoireannaich, òran luaidh, agus e cleachdadh sin airson adhbhar a' Phrionnsa a chuir air n-adhart. So, tha an taobh poilitigeach ann dhe, na Seumasaich.
Tha bà rdachd nach do chord ris an t-seòrsa duine a bha gleidheadh 's a' sgrìobhadh sìos bà rdachd, ministearan as a' chuid as motha, 's e sin an taobh drabasta mar a chanas cuid, ach chan eil mi smaoineachadh gu bheil am facal sin uabhasach iomchaidh. 'S e bà rdachd a bha gu math fosgarra agus saor a thaobh cuspair, agus bha gun teagamh sam bith a' chainnt a chleachd e gu math mì-chà ilear agus neo-thlachdmhor, aig amannan bhiodh e a' dì-moladh dhaoine, agus sin taobh eile, na h-aoirean a rinn e, aoirean gu math sgaiteach agus a chuireadh eagal air daoine tha mi cinnteach.
Tha an uair sin bà rdachd air a bheil coltas gu math coileanta, clasaigeach, a' dèanamh dealbh air nà dar, mar a tha Òran an t-Samhraidh, Òran a' Gheamhraidh, Allt an t-Siùcair, agus iomadh rud eile dhen t-seòrsa sin.
Rinn e bà rdachd a bha mu dheidhinn dhaoine às an sgìre aige fhèin, mar eisimpleir, a-rithist òran gu math sgaiteach mu dheidhinn bodaich ann an Àird na Murchan a bha ri strìopachas nan seann aois. Agus cuideachd òran mu dheidhinn mèinneadairean ann an Àird nam Murchan agus a' sgìre agus, agus galair-feise air bristeadh a-mach mun cuairt air a' ghnìomhachas.
Ach chan e bard ionadail a bh' ann air dhòigh sam bith.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.