
Chuir Catrìona greis seachad a' teagaisg Gà idhlig agus Modern Studies ann an Àrd-sgoil Phenilee an Glaschu an dèidh dhi ceumnachadh.
Ann an 1973 b' i a' chiad sgrìobhaiche a bh'aig Colaiste Ghà idhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.
Tha na dà in aice air nochdadh ann an grunn irisean, nam measg Gairm agus Lines Review. Chaidh A' Choille Chiar, leabhar den bhà rdachd aice fhèin 's aig a piuthar, Mòrag, fhoillseachadh ann an 1974 agus nochd Rè na h-Oidhche, leis a' bhà rdachd aice fhèin ann an 1994. Tha cruinneachadh de na dà in aig Catrìona cuideachd anns an leabhar An Aghaidh na Sìorraidheachd a chaidh a dheasachadh le Crìsdean Whyte ann an 1991.
Choisinn i Crùn a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd an Òbain ann an 2003.
A bharrachd air a bhith a' sgrìobhadh, tha Catrìona cuideachd aithnichte mar bhana-chleasaiche.
Tha i pòsta le dithis chloinne agus a' fuireach an Glaschu far a bheil i fhathast a' sgrìobhadh bà rdachd, sgeulachdan is rannan.
Catrìona a' cuimhneachadh air Rodhag
Àite air leth toilichte, a bha là n de charactars agus a bhith anns an achadh bhuana còmhla ri m' athair agus an uncle aig Kenna, Murchadh Chalum Sheumais, cha robh ann ach fealla-dhà is spòrs. Àite uabhasach fhèin toilichte gus an tà inig an tbh. agus sguir an dibhearsain an uair sin oir bha a h-uile duine cho coltach ri daoine eile. Ach bha sinn anabarrach eadar-dhealaichte ann an Rodhag gus an uair sin.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.