Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Catrìona NicGumaraid, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
Na fir-deasachaidh (An t-Earrach 1970) Sgrìobhaichean ùra.
Gairm, 70, td. 167
"Tha sinn a' tarraing misneachd mhòr o na th' air tighinn am follais o chionn greise de sgrìobhaichean math òg... Cho fad is aithne dhuinn, seo a' chiad chuid de sgrìobhaidhean Catrìona, piuthar Mòraig, a th' air a bhith an clò. Tha daoine eòlach gu leòr oirre mar bhan-actar glè èibhinn. Tha ise nis air an treas bliadhna an Oilthigh Ghlaschu, an dèidh a bhith greis an ceann a cosnaidh. 'S ann do Ròag a bhuineas an dithis acasan. Tha sinn an dòchas gun tig an tuilleadh piseach air aon obair, 's gun toir seo brosnachadh do chà ch."
NicLeòid, C. (Am Foghar 1975) A' Choille Chiar.
Gairm, 92, td. 380

"Glè thric tha e follaiseach gur e gaol is cuspair do chuid de na dà in seo – cuspair a tha cumanta gu leòr ann am bà rdachd Ghà idhlig tro na linntean. Tha na h-òrain gaoil a th'againn anns "A' Choille Chiar" ag èirigh à fèin-fhiosrachadh nam bana-bhà rd. Chan e idir smuaintean no faireachdainnean fìor phearsanta, agus anns an t-seagh seo buinidh a' bhà rdachd gaoil don là -n-diugh. Ach chan eil na peathraichean air an cùl a thionndadh gu tur ris an dualchas. Tha seo follaiseach a thaobh cuid de na h-ìomhaighean a tha iad a' cleachdadh – ìomhaighean air an tarraing o nà dar, agus a tha ro chumanta ann am bà rdachd Gà idhlig air fad.
Chan e gaol a-mhà in a th'aig a' bhà rdachd seo mar chuspair. Coltach ri iomadh bà rd Gà idhlig romhpa – agus fada nan dèidh 's iongantach – tha iad a' gabhail mar chuspairean gaol-dachaigh, cianalas, ionndrainn òige agus ionndrainn dachaigh. Tha e a' toirt togail agus misneachd dhuinn faicinn gur e an cianalas agus an ionndrainn a tha ann an seo cianalas agus ionndrainn phearsanta a dh'èirich à tachartasan agus suidheachaidhean beatha nam bana-bhà rd fhèin – cianalas is ionndrainn a dh'fhairich is a dh'fhiosraich iad fhèin.
Tha mi smaoineachadh gu bheil aon chuspair sònraichte mar gum biodh a' ruith tron bhà rdachd air fad. 'S e 'n cuspair sin strì no "sireadh". Agus gu dè thatar a' sireadh? Chan e sin ceist tha uile gu lèir soirbh fhuasgladh. Ma bheir sinn sùil tron bhà rdachd gu lèir tha e follaiseach gu bheil a' cheist iomadh-fillte. Gun teagamh tha iad ri sireadh sonas agus sòlas ach tha barrachd air sonas air cùl an t-siridh. Tha iad mar gum biodh a' strì airson nithean nas doimhne agus nas diamhaire – mar bhith-bhuantachd. A bharrachd air an seo saoilidh mi gum biodh e cothromach gu leòr an t-sireadh a tha seo a cho-chur ris a' bhà rdachd aca fhèin. Samhail iomadh bà rd eile tha iad a' strì ri dòigh no meadhan fhaotainn air na tha iad airson a rà dh a chur an cèill anns a' bhà rdachd. Tha an sireadh seo daonnan far comhair mar anns na sreathan a leanas aig Catrìona:
Rè na h-Oidhche (Am Foghar 1994) ann an Naidheachd Leabhraichean.
Gairm, 168, td. 383

"Tha am measgachadh ann ris am biodh dùil againn: dà in gaoil is trèigsinn, cuimhneachain air an Eilean Sgitheanach, seòrsa de aoir air ceann-cinnidh nan Dòmhnallach agus fear eile air òstair coimheach a thà inig dhan Eilean Sgitheanach ("Chì mi thu a' cuartachadh nam bòrd"), agus dà in mun teaghlach aice agus feadhainn eile a tha a' nochdadh a' chreideimh a th' aice. Tha a' bhà rdachd aice a' toirt sithidhean a-null 's a-nall eadar an seann nòs agus an nòs ùr, agus tha measgachadh math aice de chianalas, de dh' fhearg 's de fhealla-dhà ."
Meek, D. E. (2002) An Adhaigh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar dheathain, Roinn na Ceiltis
"(Tha cuid a bhà ird) ..mothachail air uallach anaceartais shòisealta a tha a' suathadh anns a' chreideamh, tha iad a' faicinn cho nimheil 's cho nà imhdeil 's a tha cuid a tha a' cleachdadh riaghailtean a' Bhìobaill, agus, os cionn gach nì, tha iad a' sìreadh sà sachadh spioradail dhaibh fhèin. Tha an sealladh teagmhach seo, agus an rannsachadh spioradail a tha na chois, anabarrach follaiseach anns na dà in fhosgarra aig Catrìona NicGumaraid; cha mhòr nach toir i oirnn dol a chaoineadh leis cho onarach agus cho falamh 's a tha a cuid siridh, gu h-à raidh anns an dà n, "Gun Stiùir".
Catrìona Chaimbeul a' dèanamh coimeas eadar a' bhana-bhà rd is Somhairle MacGill-Eain
Tha mi dèidheil air a' phìos Ban-Ghà idheal oir tha dealbh uabhasach math air eachdraidh nan Gà idheal ri fhaighinn innte. Tha cruaidh chàs nan daoine fhathast na chuspair chudromach aig na bà ird. San à m anns a bheil sinn beò, agus dealbhan 'o gach ceà rn dhen t-saoghail air an sealltainn air a' bhogsa, tha barrachd fiosrachaidh na chunnaic 's na chuala sinn riamh againn. Cò 's urrainn na dealbhan sgriosail dhen ghoirt an Ethiopia, am murt 's am marbhadh ann an Tiananmen Square, agus suidheachdadh nan Kurds a dhìochuimhneachadh. Nach iomadh coimeas a dh'fhaodar a dhèanamh eadar Ban-Ghà idheal Shomhairle MhicGhill-Eain agus Ban-Thigreach Catrìona NicGumaraid.
Air adhart gu
CeanglaicheanCopyright © 2015 Âé¶ąÉç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.