
Chuir Catrìona greis seachad a' teagaisg Gà idhlig agus Modern Studies ann an Àrd-sgoil Phenilee an Glaschu an dèidh dhi ceumnachadh.
Ann an 1973 b' i a' chiad sgrìobhaiche a bh'aig Colaiste Ghà idhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.
Tha na dà in aice air nochdadh ann an grunn irisean, nam measg Gairm agus Lines Review. Chaidh A' Choille Chiar, leabhar den bhà rdachd aice fhèin 's aig a piuthar, Mòrag, fhoillseachadh ann an 1974 agus nochd Rè na h-Oidhche, leis a' bhà rdachd aice fhèin ann an 1994. Tha cruinneachadh de na dà in aig Catrìona cuideachd anns an leabhar An Aghaidh na Sìorraidheachd a chaidh a dheasachadh le Crìsdean Whyte ann an 1991.
Choisinn i Crùn a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd an Òbain ann an 2003.
A bharrachd air a bhith a' sgrìobhadh, tha Catrìona cuideachd aithnichte mar bhana-chleasaiche.
Tha i pòsta le dithis chloinne agus a' fuireach an Glaschu far a bheil i fhathast a' sgrìobhadh bà rdachd, sgeulachdan is rannan.
Dè mhisnich i gus tòiseachadh a' sgrìobhadh?
Nuair a thòisich mise ri bà rdachd, chan e bà rdachd mar sin a bh' ann. B' e òrain a bha mi a' sgrìobhadh. Agus b' e a thug orm tòiseachadh air Gà idhlig anns an nòs ùir, b' ann nuair a chuala mi a' bhà rdachd aig Somhairle MacGill-Eain. Agus bha buaidh shònraichte aice air mo bhà rdachd. Tha mi a' smaointinn gun do dh'fhosgail e iuchair mo chiùil. Agus a bharrachd air an sin, bha e fhèin cho uabhasach laghach.
Bha mi gu math eòlach air agus bha e a' smaoineachadh gu robh mi uabhasach eccentric – enough said! Ach duine air leth laghach. Bha mi eòlach air agus bha e ga mo bhrosnachadh. Bha e a' brosnachadh mo bhà rdachd agus thuirt e, Cearcall mun Ghealaich, thug e moladh air a' bhà rdachd a bha sin. Thuirt e gu robh e, mas urrainn dhomh seo a chantail, thuirt e gu robh e sònraichte math agus cha dhìochuimnich mi gu brà th e.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.