Âé¶¹Éç

20mh linn / Catrìona NicGumaraid

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Cearcall mun Ghealaich

Chithear uaireannan cearcaill mun ghealaich agus mun ghrèin. 'S e criostalan deighe san àile a tha gan adhbhrachadh le bhith ag ath-raonachadh agus ag ath-thilgeil solas. Tha 'd a' toirt sealladh air leth brèagha agus aig an aon àm, a' toirt fiosrachadh dhuinn mu na criostalan a th' anns na neòil.


Anns an dàn seo tha seat de dh'ìomhaighean seasmhach – rudan math, suidhichte, nàdarrach, a tha toirt taic agus blàths, mar eòrna abaich no teaghlach – agus seat de dh'ìomhaighean neo-sheasmhach – rudan dona, briste, stoirmean, agus gu h-àraidh rudan nach mair ach a tha falbh leis an t-sruth. Agus anns a' mheadhan, eadar na dhà, tha 'cearcall na gealaich', rabhadh aig àm a tha rudan a' dol gu math gum faod sin atharrachadh gu luath, gum faod na rudan 'seasmhach' fàs 'neo-sheasmhach'. Tha ìomhaigh cearcall na gealaich a' toirt na bàrdachd air adhart ceum air cheum agus a' ceangal nan roinnean ri chèile.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


DEALBH

Cearcall mun Ghealaich

Cearcall mun Ghealaich

  • Bliadhna mhòr na stoirme
  • chunnaic mi cearcall mun ghealaich
  • 's dh'fhalbh na h-adagan eòrna
  • nan sruth sìos chun a' chladaich,
  • is sheas sinn nar triùir ann
  • (mi fhèin, mo phiuthar is m' athair)
  • a' faicinn obair ar làimhe
  • na deann-ruith à sealladh.
  • Is chunnaic mi uair eile
  • cearcall mun ghealaich –
  • aig deireadh samhraidh sgiamhach
  • chaidh gaol às mo shealladh.
  • Bu riaslach an tìm ud
  • gu 'n tàinig leigheas an earraich,
  • ach thàinig le tìde
  • àm grianach gum aire.

Cearcall mun Ghealaich

Tha an ìomhaigh seo a' ruith tron bhàrdachd, ga toirt ceum air cheum air adhart agus ga ceangal ri chèile. Seo a' chiad iomradh san dàn fhèin air a' chearcall mun ghealaich, a' stèidheachadh dè a' chiall a tha gu bhith aig an ìomhaigh seo sa bhàrdachd. Cuideachd, dè tha e ciallachadh dhìse, rabhadh gu bheil rudeigin fìor dhona a' dol a thachairt.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

A' bhana-bhàrd ag aithris Gun Stiùir

Catrìona NicGumaraid ag aithris an dàn, Gun Stiùir.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Catrìona NicGumaraid

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.