Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Cearcall mun Ghealaich
- Bliadhna mhòr na stoirme
- chunnaic mi cearcall mun ghealaich
- 's dh'fhalbh na h-adagan eòrna
- nan sruth sìos chun a' chladaich,
- is sheas sinn nar triùir ann
- (mi fhèin, mo phiuthar is m' athair)
- a' faicinn obair ar là imhe
- na deann-ruith à sealladh.
- Is chunnaic mi uair eile
- cearcall mun ghealaich –
- aig deireadh samhraidh sgiamhach
- chaidh gaol às mo shealladh.
- Bu riaslach an tìm ud
- gu 'n tà inig leigheas an earraich,
- ach thà inig le tìde
- Ã m grianach gum aire.
- Ach a-nis, aig deireadh samhraidh,
- chì mi cearcall mun ghealaich
- is tusa a' falbh bhuam
- gu baile an Sasainn,
- 's mo chridhe cho sgaoilte
- na raon mòr fada farsaing
- gun adagan ar gaoil ann
- fon d' fhuair mi fasgadh bha abaich
- - 's ma dh'fhalbhas tu
- cha till grian bhrèagha an earraich.
Cearcall mun Ghealaich
Tha seat de ìomhaighean a' ruith tron bhà rdachd air rudan dona, rudan air am milleadh no rudan a' falbh. An seo tha na h-adagan eòrna a tha math is feumail a' falbh leis an tuil uisge a-mach dhan mhuir. Dè dh'fhaodadh sin a bhith a' samhlachadh ann am bà rdachd gaoil, saoil?

