'S ann mun ghaol, agus gu h-à raidh mu thrioblaidean gaoil, a bha tòrr den chiad bhà rdachd aig Catrìona NicGumaraid. Anns na dà in sin tha caoidh agus iargain air an cur an cèill tro rannaigheachd agus ìomhaighean traidiseanta - ach tha i a' cur a dreach fhèin air an traidisean.
Tha NicGumaraid on uair sin air a bhith a' dèiligeadh ri raon nas fharsainge de chuspairean. Tha i a' dèanamh seo ann an stoidhle a tha nas cruaidhe agus nas geòire. Tha seo a' gabhail a-steach:
* Aoirean - gu h-à raidh air daoine a thig a dh'fhuireach dhan Ghà idhealtachd ach a tha a' toirt leotha dòighean an t-saoghail a dh'fhà g iad, m.e. 'Aoir'
* Breithneachadh air dol-a-mach mhì-chiatach dhaoine, m.e. 'Obair Ghrèis'
* Co-fhaireachdainn ri cor dhaoine ann an tìrean eile, m.e. 'Ùrnaigh na Ban-Tigrich'
* Ceistean agus teagamhan a thaobh creideimh agus a leithid, m.e. 'Gun Stiùir'.
Mar a fhuair i taic bho bhuidheann sgrìobhadairean
Bha fear Philip Hobsbawm, agus bha e a' teagaisg ann an Roinn na Beurla anns an oilthigh agus bhiodh sinn a' cruinneachadh anns an taigh aige, mi-fhèin is Aonghas Dubh, Tom Leonard, Alasdair Gray, Jim Kelman agus cuideachd eile mar sin. Bhiodh sinn a' faighinn beagan stiùiridh agus a' leughadh ar bà rdachd ri chèile agus bha sin cuideachail. Ach bha mise cus an lùib na Gà idhlig airson gum b'urrainn dhomh sìon a dhèanamh. Ach bha buaidh aige air mo sgrìobhadh cuideachd.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.