'S ann mun ghaol, agus gu h-à raidh mu thrioblaidean gaoil, a bha tòrr den chiad bhà rdachd aig Catrìona NicGumaraid. Anns na dà in sin tha caoidh agus iargain air an cur an cèill tro rannaigheachd agus ìomhaighean traidiseanta - ach tha i a' cur a dreach fhèin air an traidisean.
Tha NicGumaraid on uair sin air a bhith a' dèiligeadh ri raon nas fharsainge de chuspairean. Tha i a' dèanamh seo ann an stoidhle a tha nas cruaidhe agus nas geòire. Tha seo a' gabhail a-steach:
* Aoirean - gu h-à raidh air daoine a thig a dh'fhuireach dhan Ghà idhealtachd ach a tha a' toirt leotha dòighean an t-saoghail a dh'fhà g iad, m.e. 'Aoir'
* Breithneachadh air dol-a-mach mhì-chiatach dhaoine, m.e. 'Obair Ghrèis'
* Co-fhaireachdainn ri cor dhaoine ann an tìrean eile, m.e. 'Ùrnaigh na Ban-Tigrich'
* Ceistean agus teagamhan a thaobh creideimh agus a leithid, m.e. 'Gun Stiùir'.
A' sgrìobhadh mu chuspairean pearsanta
Tha thu a' faireachdainn gu bheil thu a' rùsgadh d'anam ris a h-uile duine. Ach bidh mi ga dhèanamh. Uaireannan oir 's e an aon dòigh air faighinn airgead, ach is dòcha gum bithinn nas fheà rr dìreach cumail ri aoir is rudan mar sin.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.