SgrĂądadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd
An Geamhradh
- Do theirig an samhradh,
- 'S tha 'n geamhradh teachd dlĂąth oirnn,
- Fìor nà mhaid na chinneas,
- Teachd a mhilleadh ar dĂąthcha,
- Ga saltairt fo chasaibh
- 'S da maise ga rĂąsgadh
- Gun iochd ann ri dadam
- Ach a' sladadh 's a' plunndrainn.
- Sgaoil oirnne a sgiathan,
- 'S chuir e ghrian air a chĂąlaibh,
- Às an nead thug e 'n t-à lach,
- Neo-bhĂ idheil gar sgiĂąrsadh;
- Sneachd iteagach glè-gheal
- O na speuraibh teachd dlĂąth oirnn,
- Clacha-meallain 's gaoth thuathach,
- Mar luaidhe 's mar fhĂądar.
- Nuair shèideas e anail,
- Chan fhĂ g anam am flĂąran;
- Tha bhilean mar shiosar,
- Lomadh lios de gach ùr-ròs:
- Cha bhi sgeadach' air coille
- No doire nach rĂąisg e,
- No sruthan nach tachd e
- Fo leacannan dĂąbh-ghorm.
- Fead reòthta a chleibhe
- Tha seideadh na doininn,
- A chuir beirm anns an fhairge
- 'S a dh'at garbh i na tonnan:
- 'S a bhinntich an clĂ mhainn
- Air à ìrde gach monaidh,
- 'S ghlan sgĂąr e na reultan
- Dar pèile len solas.
- Tha gach beathach is duine
- Nach d' ullaich na sheusan
- Gan sgiĂąrsadh le gailleann,
- Gun talla, gun eudach;
- 'S an dream a bha gnìomhach
- Fas iargalt', mi-dhèirceil,
- Nach toir iasad do leisgean
- Anns an t-sneachda ged èug e.
- Tha 'n seillean 's an seangan,
- A bha tional an stòrais
- Le gliocas gun mhearachd,
- A' toirt aire don dòrainn,
- 'G ithe bìdh 's ag òl meala,
- Gun ghainne air lòn ac',
- Fo dhìon anns an talamh
- O anail an reòthta.
- Tha na cuileagan ciatach
- Bha dìomhain san t-samhradh,
- Sna gathannaibh grèine
- Gu h-èibhinn a' dannsa,
- Gun deasach', gun chĂąram
- Ro DhĂąbhlachd a' gheamhraidh,
- A nis a' dol bĂ s
- Anns gach Ă ite le teanntachd.
- Ach èist rium, a sheann duin',
- 'S tuig an samhla tha 'm stòiridh:
- Tha 'm bàs a' teachd teann ort –
- Siud an geamhradh tha 'm òran;
- 'S ma gheibh e thu ad leisgean,
- Gun deasach' fa chòmhdhail,
- Cha dèan aithreachas crìche
- Do dhìonadh on dòrainn.
- Ach, òganaich threubhaich,
- Thoirr-s' èisteachd dom òran
- 'S leig dhìot bhith mì-chèillidh
- Ann an Cèitean na h-òige;
- Tha aois agus euslaint
- Air do dhèidh ann an tòir ort,
- 'S ma nì h-aon aca grèim ort,
- Pillidh t' èibhneas gu bròn duit.
- An aois atà 'n tòir ort,
- Bheir i leòn ort nach saoil thu:
- Air do shĂąilibh bheir ceathach
- Is treabhaidh i d' aodann;
- Bheir i crith-reoth' mud ghruaig
- Is neul uaine an aoig leis,
- 'S cha tig aiteamh no grian ort
- Bheir an liath-reoth' a-chaoidh dhìot.
- Bheir nas measa na siud ort,
- FĂ ilinn tuigs' agus reusain,
- Dìth leirsinn ad inntinn,
- Dìth cuimhn' agus gèire;
- Dìth gliocais chum gnothaich,
- Dìth mothaich ad cheudfath,
- 'S gum fĂ s thu mar leanabh,
- Dhìth spionnaidh is cèille.
- FĂ saidh 'n cridhe neo-aithreach,
- 'S neo-ealamh chum tionndadh:
- Aon tagradh cha drĂąidh air,
- 'S cha lĂąb e da ionnsaigh;
- Ceart mar tha 'n talamh
- 'N Ă m gaillinn is teanntachd,
- Ged robh mìltean dol thairis,
- Cha dèan aile sa chabhsair.
- Faic seusan na bliadhna
- 'S dèan ciall uaithe tharraing,
- 'S mas Ă ill leat gum buain thu,
- Dèan ruathar san earrach;
- Dèan connadh san t-samhradh
- Nì sa gheamhradh do gharadh;
- 'S ma dhìobras tu 'n seusan,
- Dhuit 's èiginn bhith falamh.
- 'S mur cuir thu sìol fallain
- Ann an earrach na h-òige,
- Cho cinnteach 's am bĂ s duit,
- Cuiridh Sà tan droch phòr ann,
- A dh'fhĂ sas na dhubhailc
- 'S na luibheannan feòlmhor,
- 'S bidh do bhuain mar a chuir thu,
- Mas subhailc no dò-bheart.
- Ma bhios t' òige gun riaghladh,
- 'S t' ana miannan gun taod riu,
- Gum fĂ s iad cho fiadhaich
- 'S nach srian thu ri t' aois iad;
- Am meangan nach snìomh thu,
- Cha spion thu na chraoibh e –
- Mar shìneas e gheugan,
- Bidh fhreumhan a' sgaoileadh.
- Tha do bheatha neo-chinnteach
- On teinn a bheir bĂ s ort:
- Uime sin, bi ri dìcheall
- Do shìth dhèanamh trà thail;
- 'S e milleadh gach cĂąise
- Bhith gun chùram cur dà il innt' –
- 'S ionann aithreachas criche
- 'S bhith cur sìl mu Fhèill Mà rtainn.
- Tha ghrian anns na speuraibh
- A' ruith rèise gach latha,
- 'S i giorrach' do shaoghail
- Gach oidhche a laigheas:
- 'S dlĂąth ruitheas an spĂ la
- Tro shnĂ thaibh do bheatha
- Tha fìgheadh dhut lèine
- Nì bèistean a chaitheamh.
- 'S ma ghoideas e dlĂąth ort,
- Gun do dhĂąil bhith ra thighinn,
- 'N sin fosglaidh do shĂąilean
- 'S chì thu chùis thar a mithich;
- Bidh do chogais gad phianadh,
- Mar sgian ann ad chridhe –
- 'S co-ionann a giĂąlan
- 'S laighe rĂąisgt' ann an sgitheach.
An Geamhradh
A-rithist tha am bà rd a' soilleireachadh na teagaisg aige agus na tha an geamhradh a' riochdachadh sa bhà rdachd. Chan eil na pìosan 'teagaisg' seo nam pà irt mhòr dhen dà n, ge-tà .
