Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An Claigeann
- 'S mi 'm shuidh' aig an uaigh,
- Ag amharc mu bruaich,
- Feuch claigeann gun snuadh air là r;
- Do thog mi e suas,
- A' tiomach' gu truagh,
- Ga thionndadh mun cuairt am là imh.
- Gun à ille gun dreach,
- Gun aithne gun bheachd
- Air duine thèid seach na dhà il;
- Gun fhiacail na dheud
- No teanga na bheul,
- No slugan a ghleusas ³¦Ã ¾±±ô.
- Gun ruthadh na ghruaidh,
- 'S e rùisgte gun ghruaig,
- Gun èisteachd na chluais dom dhà n;
- Gun anail na shròin
- No à ile den fhòid,
- Ach lag far 'm bu chòir bhith à rd.
- Gun deà lradh na shùil
- No rosg uimpe 'dùn'
- No fradharc ri h-iùil mar b' à bh'st,
- Ach durragan crom
- A chleachd bhith san tom
- Air cladhach dà tholl nan à it'.
- Tha 'n eanchainn bha 'd chùl
- Air tionndadh gu ²õ³¾Ã¹°ù,
- Gun tionnsgal no sùrd air d' fheum;
- Gun smuainteach' ad dhà il
- Mu philleadh gu brà th
- A cheartach' na dh'fhag thu 'd dhèidh.
- Chan innis do ²µ³ó²Ôù¾±²õ
- A nise cò thu,
- Mas rìgh no mas diùc thu fèin –
- 'S ionann Alasdair Mòr
- Is traill a dhìth lòin
- A dh'eug air an òtrach bhreun.
- Fhir chladhach na h-uaigh',
- Nach cagair thu 'm chluais
- Cò 'n claigeann seo fhuair mi 'm là imh,
- 'S gun cuirinn ris ceist
- Mu ²µ³ó²ÔÃ ³Ù³ó²õ mun do theast,
- Ged nach freagair e 'm-feast mo dhà n.
- 'M bu mhaighdeann deas thu
- Bha sgiamhach ad ²µ³ó²Ôù¾±²õ,
- 'S deagh shuidheach' ad' shùil da rèir,
- Led mhaise mar lìon
- A' ribeadh mu chrìdh'
- Gach òganaich chìth'dh thu fèin?
- Tha nise gach à ²µ³ó
- Bha cosnadh dhut grà idh
- Air tionndadh gu grà in gach neach –
- Marbhphaisg air an uaigh,
- A chreach thu den bhuaidh
- Bha ceangailt' ri snuadh do dhreach.
- No 'm breitheamh ceart thu
- Le tuigs' agus ¾±Ã¹±ô
- Bha °ùè¾±³Ù±ð²¹³¦³ó gach cuis don t-sluagh,
- Gun aomadh le pà irt
- Ach »åì³Ù±ð²¹»å³ó gu bà s
- Na h-eucoir bha »åà ¾±³¦³ó±ð¾±±ô cruaidh?
- No 'n do reic thu a' chòir
- Air ghlacaid den òr
- On dream dan robh stòras pailt,
- Is bochdainn an t-sluaigh,
- Fo fhoirneart ro chruaidh,
- A' fulang le cruas na h-airc?
- No 'mmorair ro mhòr
- A thachair am dhòrn,
- Neach aig an robh còir air tìr,
- Bha iochdmhor ri bochd,
- A' cluthadh nan nochd
- Rèir pailteas a thoic 's a ²Ôì?
- No 'n robh thu ro chruaidh,
- A' feannadh do thuath,
- 'S a' tanach' an gruaidh le mà l,
- Le h-agartas geur
- A' glacadh an sprèidh,
- 'S am bochdainn ag èigheach »åà ¾±±ô?
- Gun chridh' aig na daoin'
- Bh' air lomadh le h-aois,
- Len claigeannan maola truagh,
- Bhith seasamh ad chòir
- Gun bhonaid nan dòrn,
- Ged tholladh gaoth reòtht' an cluas.
- Tha nise 'do thrà ill,
- Gun urram ad dhà il,
- Gun ghearrsuim, gun mhà l, gun mhòd -
- Mòr-mholadh don bhà s,
- A chasgair thu trà th
- 'S nach d' fhuiling do ²õ³Ù°ùà ¾±³¦ fon fhòid!
- No 'n ceann thu 'n robh ciall
- Is eòlas air Dia,
- 'S gun d' rinn thu a riar sa chòir,
- Ged tha thu 'n diugh ruisgt',
- Gun aithne, gun ¾±Ã¹±ô,
- Gun teanga, gun sùil, gun sròn?
- Gabh misneach san uaigh,
- Oir èiridh tu suas
- Nuair chluinneas tu fuaim an stuic,
- 'S do thruailleachd gu lèir
- Shìos fà gaidh tu 'd dhèidh
- Aig durragan breun an t-sluic.
- Oir deasaichidh Dia
- Do mhaise mar ghrian
- Bhiodh ag èirigh o sgiath nam beann,
- Cur fradharc ro gheur
- Sna suilean seo fèin,
- 'S iad a' deà lradh mar reul ad cheann.
- Do theanga 's do chà il
- Nì ghleusadh gun »åà ¾±±ô,
- A chantainn na à °ù´Ç²õ ³¦±ô¾±Ã¹;
- Is fosglaidh do chluas
- A dh'èisteachd ri fuaim
- A' mholà idh th' aig sluagh a chùirt.
- Nuair dheà lraicheas Crìosd
- Na thigheachd ²¹-°ùì²õ
- A chruinneach' nam fìrean suas,
- 'N sin bheir thu do leum
- Thoirt coinneamh dha fèin
- Mar iolair nan speur aig luaths.
- Nuair dh'èireas tu 'n-à ird,
- Grad chuìridh ort fà ilt'
- A mhealtainn a chà irdeis fèin,
- Gun dealach' gu brà th
- Ra chomann no ghrà dh
- A steach ann am ±Êà °ù°ù²¹²õ ¶Ùè.
- Fhir chluinneas mo dhà n,
- Dèan aithreachas trà th
- 'M feadh mhaireas do shlà int' 's do bheachd,
- Mun tig ort am bà s,
- Nach leig thu gu brà th
- Air geata nan gràs a steach.
An Claigeann
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
