Âé¶ąÉç

18mh linn / DĂąghall Bochanan

µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺ - An Geamhradh

Ged is e dàn spioradail a tha an seo, tha deagh bhàrdachd nàdair ann cuideachd, le dealbhan beòthail air ràith a' Gheamhraidh agus feum sgileil air a dhèanamh de ìomhaighean nàdair gus teachdaireachd spioradail a' bhàird - gum bu chòir do dhaoine tionndadh gu Dia mus bi e fadalach – a chur an cèill.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


An Geamhradh

  • Do theirig an samhradh,
  • 'S tha 'n geamhradh teachd dlĂąth oirnn,
  • Fìor nĂ mhaid na chinneas,
  • Teachd a mhilleadh ar dĂąthcha,
  • Ga saltairt fo chasaibh
  • 'S da maise ga rĂąsgadh
  • Gun iochd ann ri dadam
  • Ach a' sladadh 's a' plunndrainn.
  • Sgaoil oirnne a sgiathan,
  • 'S chuir e ghrian air a chĂąlaibh,
  • Ă€s an nead thug e 'n t-Ă lach,
  • Neo-bhĂ idheil gar sgiĂąrsadh;
  • Sneachd iteagach glè-gheal
  • O na speuraibh teachd dlĂąth oirnn,
  • Clacha-meallain 's gaoth thuathach,
  • Mar luaidhe 's mar fhĂądar.
  • Nuair shèideas e anail,
  • Chan fhĂ g anam am flĂąran;
  • Tha bhilean mar shiosar,
  • Lomadh lios de gach Ăąr-ròs:
  • Cha bhi sgeadach' air coille
  • No doire nach rĂąisg e,
  • No sruthan nach tachd e
  • Fo leacannan dĂąbh-ghorm.
  • Fead reòthta a chleibhe
  • Tha seideadh na doininn,
  • A chuir beirm anns an fhairge
  • 'S a dh'at garbh i na tonnan:
  • 'S a bhinntich an clĂ mhainn
  • Air àìrde gach monaidh,
  • 'S ghlan sgĂąr e na reultan
  • Dar pèile len solas.
  • Tha gach beathach is duine
  • Nach d' ullaich na sheusan
  • Gan sgiĂąrsadh le gailleann,
  • Gun talla, gun eudach;
  • 'S an dream a bha gnìomhach
  • Fas iargalt', mi-dhèirceil,
  • Nach toir iasad do leisgean
  • Anns an t-sneachda ged èug e.
  • Tha 'n seillean 's an seangan,
  • A bha tional an stòrais
  • Le gliocas gun mhearachd,
  • A' toirt aire don dòrainn,
  • 'G ithe bìdh 's ag òl meala,
  • Gun ghainne air lòn ac',
  • Fo dhìon anns an talamh
  • O anail an reòthta.
  • Tha na cuileagan ciatach
  • Bha dìomhain san t-samhradh,
  • Sna gathannaibh grèine
  • Gu h-èibhinn a' dannsa,
  • Gun deasach', gun chĂąram
  • Ro DhĂąbhlachd a' gheamhraidh,
  • A nis a' dol bĂ s
  • Anns gach Ă ite le teanntachd.
  • Ach èist rium, a sheann duin',
  • 'S tuig an samhla tha 'm stòiridh:
  • Tha 'm bĂ s a' teachd teann ort –
  • Siud an geamhradh tha 'm òran;
  • 'S ma gheibh e thu ad leisgean,
  • Gun deasach' fa chòmhdhail,
  • Cha dèan aithreachas crìche
  • Do dhìonadh on dòrainn.
  • Ach, òganaich threubhaich,
  • Thoirr-s' èisteachd dom òran
  • 'S leig dhìot bhith mì-chèillidh
  • Ann an Cèitean na h-òige;
  • Tha aois agus euslaint
  • Air do dhèidh ann an tòir ort,
  • 'S ma nì h-aon aca grèim ort,
  • Pillidh t' èibhneas gu bròn duit.
  • An aois atĂ  'n tòir ort,
  • Bheir i leòn ort nach saoil thu:
  • Air do shĂąilibh bheir ceathach
  • Is treabhaidh i d' aodann;
  • Bheir i crith-reoth' mud ghruaig
  • Is neul uaine an aoig leis,
  • 'S cha tig aiteamh no grian ort
  • Bheir an liath-reoth' a-chaoidh dhìot.
  • Bheir nas measa na siud ort,
  • FĂ ilinn tuigs' agus reusain,
  • Dìth leirsinn ad inntinn,
  • Dìth cuimhn' agus gèire;
  • Dìth gliocais chum gnothaich,
  • Dìth mothaich ad cheudfath,
  • 'S gum fĂ s thu mar leanabh,
  • Dhìth spionnaidh is cèille.
  • FĂ saidh 'n cridhe neo-aithreach,
  • 'S neo-ealamh chum tionndadh:
  • Aon tagradh cha drĂąidh air,
  • 'S cha lĂąb e da ionnsaigh;
  • Ceart mar tha 'n talamh
  • 'N Ă m gaillinn is teanntachd,
  • Ged robh mìltean dol thairis,
  • Cha dèan aile sa chabhsair.
  • Faic seusan na bliadhna
  • 'S dèan ciall uaithe tharraing,
  • 'S mas Ă ill leat gum buain thu,
  • Dèan ruathar san earrach;
  • Dèan connadh san t-samhradh
  • Nì sa gheamhradh do gharadh;
  • 'S ma dhìobras tu 'n seusan,
  • Dhuit 's èiginn bhith falamh.
  • 'S mur cuir thu sìol fallain
  • Ann an earrach na h-òige,
  • Cho cinnteach 's am bĂ s duit,
  • Cuiridh SĂ tan droch phòr ann,
  • A dh'fhĂ sas na dhubhailc
  • 'S na luibheannan feòlmhor,
  • 'S bidh do bhuain mar a chuir thu,
  • Mas subhailc no dò-bheart.
  • Ma bhios t' òige gun riaghladh,
  • 'S t' ana miannan gun taod riu,
  • Gum fĂ s iad cho fiadhaich
  • 'S nach srian thu ri t' aois iad;
  • Am meangan nach snìomh thu,
  • Cha spion thu na chraoibh e –
  • Mar shìneas e gheugan,
  • Bidh fhreumhan a' sgaoileadh.
  • Tha do bheatha neo-chinnteach
  • On teinn a bheir bĂ s ort:
  • Uime sin, bi ri dìcheall
  • Do shìth dhèanamh trĂ thail;
  • 'S e milleadh gach cĂąise
  • Bhith gun chĂąram cur dĂ il innt' –
  • 'S ionann aithreachas criche
  • 'S bhith cur sìl mu Fhèill MĂ rtainn.
  • Tha ghrian anns na speuraibh
  • A' ruith rèise gach latha,
  • 'S i giorrach' do shaoghail
  • Gach oidhche a laigheas:
  • 'S dlĂąth ruitheas an spĂ la
  • Tro shnĂ thaibh do bheatha
  • Tha fìgheadh dhut lèine
  • Nì bèistean a chaitheamh.
  • 'S ma ghoideas e dlĂąth ort,
  • Gun do dhĂąil bhith ra thighinn,
  • 'N sin fosglaidh do shĂąilean
  • 'S chì thu chĂąis thar a mithich;
  • Bidh do chogais gad phianadh,
  • Mar sgian ann ad chridhe –
  • 'S co-ionann a giĂąlan
  • 'S laighe rĂąisgt' ann an sgitheach.
  • Faic a' chuileag ga dìteadh
  • Le siantaibh an nĂ dair,
  • 'S on a dhìobair i 'n seusan,
  • Gur h-èiginn di bĂ sach';
  • Faic gliocas an t seangain
  • Na thional cho trĂ thail,
  • 'S dèan 'eisimpleir leanail
  • Chum t' anam a shĂ bhal'.

An Geamhradh

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd


Teacsa

TeĂ rlach Quinnell ag aithris An Geamhradh

TeĂ rlach Quinnell ag aithris an dĂ n, An Geamhradh.

DĂ in Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Dùghall Bochanan

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶ąÉç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.