
Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, à ite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.
An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhà gail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e là ithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh là n-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.
Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bà rdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gà idhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bà rdachd Gà idhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cà nan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dà in aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhà ird gu aire mòran dhaoine.
Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais µþà °ù»å²¹³¦³ó»å a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den DÃ mhair 1998.
Mar a thà inig e gu bhith a' sgrìobhadh là n ùine
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: Bha mi a' teagaisg ach chan eil mi a' smaoineachadh gur e fear-teagaisg nà darrach a bh' annam a-riamh. Bha mi glè mhath leis an fheadhainn a bha acadaimigeach, na sgoilearan a bha a' dol dha na h-oilthighean 's mar sin. Chan eil mi a' smaoineachadh gu robh mi cho math leis an fheadhainn eile.
Bha mi a-riamh airson a bhith nam sgrìobhadair ach cha robh airgead gu leòr agam son fà gail, 's cha robh mi cinnteach an dèanainn airgead gu leòr nam sgrìobhadair. Bha mi a' sà bhaladh nuair a bha mi nam thidsear, bha mi airson faighinn a-mach s an teagasg airson bliadhnaichean mòra ron sin.
Mu dheireadh, b' e thug às mi, bha an dà obair ro chruaidh. Teagasg fhèin, 's e obair chruaidh a th' ann agus 's e obair chruaidh a th' ann a bhith a' sgrìobhadh. Bha na dhà an ceann a cheile agus bha mi ag obair san sgoil bho naoi gu ceithir agus bhithinn an uair sin ag obair air an oidhche, air obair sgoile...
Martainn Dòmhnallach: Tha mòran dhaoine chanadh nach e obair a th' ann an sgrìobhadh.
ICM: 'S e obair dhuilich a th' ann an sgrìobhadh. Mar a thuirt Yates uaireigin, tha e nas fhasa a bhith ag obair air na rathaidean no bhith ag obair a' sgrìobhadh. 'S e obair chruaidh a th' ann a bhith ag obair a' sgrìobhadh. Co-dhiù, cha b'urrainn dhomh an dà dhreuchd a chumail a' dol. 'S mathaid gum b'urrainn dhomh dhèanamh nuair a bha mi 30, ach bha mi an uair ud timcheall air 49. Cha b'urrainn dhomh na dhà a chumail a' dol.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.