Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (Am Foghar 1983) Selected Poems 1955-1980.
Gairm, 124, td. 379
" 'S ann mar sgrìobhaiche Gà idhlig as eòlaiche a tha luchd-leughaidh Gairm air Iain Mac a' Ghobhainn, agus tha e rudeigin neònach nach eil dad den bhà rdachd Ghà idhlig aige anns an leabhar seo, ged a tha rud math ann a tha air eadar-theangachadh bho Ghà idhlig (Bìobuill is Sanasan-reice, air fhoillseachadh le Gairm ann an 1965, agus Eadar Fealla-dhà is Glaschu, air fhoillseachadh le Roinn nan Cà nan Ceilteach, Glaschu, ann an 1974). Cha bu chòir do dhuine breith a thoirt air a' bhà rdachd aige gun a bhith eòlach air obair anns an dà chà nan oir tha obair anns a' Bheurla a' soilleireachadh obair anns a' Ghà idhlig, agus an rathad eile cuideachd...
A' leughadh an taghaidh seo bho obair chòig bliadhna fichead, chì duine nas soilleire na duail a th'innte. Tha mi am beachd gun tug Mac a' Ghobhainn deagh ùine mus do lorg e fhìor ghuth fhèin, agus gu bheil e dualtach an guth sin a leigeil gu là r a-rithist corra uair, ach tha e là n-aithnichte a-nis. Agus is dòcha gum faod sinn a rà dh gu robh fhèin-fhiosrachadh fhèin a' tighinn eadar e 's an guth sin an toiseach, tha e mar gum biodh eagal air e fhèin a chur na bhà rdachd, ged a bha i là n dheth, agus aig a' cheann thall tha an t-eagal sin a' falbh, 's tha a' bhà rdachd nas treise, agus a' buntainn nas motha ris an t-saoghal mhòr...
Nuair a bha e na b'òige bhiodh e a' cleachdadh cus shamhlaidhean, 's feadhainn dhiubh nach robh a' cosnadh an à ite anns an dà n ("clutching his coat about him like an old iron", d.22) agus cha b'fhuilear do dhuine aig a bheil uiread de fhacail na cheann an ceannsachadh nas cruaidhe. Ach nach e facail meadhan a' bhà ird; nach ann de fhacail a tha e air a dhèanamh, agus nuair a tha an smachd ceart aige orra tha iad cumhachdadh. Gheibh sinn an cruas sin ann an cuid de na dà in a rinn e na òige ("Home", d.24, leis a' ghrà mar là n fhèithean, agus "Deer on the High Hills" – "The witty gun blazed from his knowing hand" – no "Old Woman", far a bheil na samhlaidhean a' cur ris a' chumhachd 's ris an aognaidheachd an à ite bhith gan tolladh.
Tha meadaireachd a' bhà ird sgileil, agus glè thric (mar eisimpleir ann an "Orpheus") air leth sgileil, le smachd a tha a' coimhead aotrom ach a tha ag iarraidh fìor aire an- còmhnaidh.
Tha saoghal farsaing anns an leabhar seo – a' Ghà idhealtachd, Glaschu, Alba, saoghal poilitigeach an là -an-diugh, litreachas sean agus ùr, nà dar an duine, bà s, gaol is feallsanachd: Is fhiach e tilleadh is tilleadh ann."
MacFhionnlaigh, F. (Am Foghar 1984) Na h-Eilthirich.
Gairm,128, td. 375

"..san leabhar seo tha againn bà rdachd de fhìor à rd-inbhe.
Mar a bhios fios aig a' mhòr-chuid 's ann anns an nòs ùr a sgrìobhas Mac a' Ghobhainn, agus 's ann a-mach air mòr-chuspairean an là 'n diugh a tha e – easbhaidh bunait sheasmhaich dha na casan ann an saoghal cugallach diombuan; duilgheadasan a-thaobh ciall a dhèanamh dhen bheatha; oillt fa chomhair cumhachd neo-thruacanta tìme; ach gu h-à raidh faireachdainn lom de choimheachas a-thaobh an t-saoghail is dhaoine eile, 's e sin ri rà dh seòrsa de mhothachadh nach eil mar as trice fìor-choinneachadh eadar duine agus a chompanaich ach atharrais ao-domhainn air a' ghnothaich a dh'fhà gas neach aonarach fiù am meadhan rùm là n sluaigh. Agus togaidh Mac a' Ghobhainn a' cheist an fhiach bà rdachad sìon a leithid seo de shaoghal...
Faodaidh duine bhith na eilthireach chan ann a-mhà in thall thairis an Canada no Astrà ilia (cuspair ris a bheil cuid de na dà in seo a' dèiligeadh) ach eadhon na dhùthaich fhèin, agus na dhachaigh fhèin. Tha Mac a' Ghobhainn mothachail gu bheil iomadh beà rn air fhuasgladh na bheatha – beà rn eadar Leòdhas an là 'n-diugh is an Leòdhas ud a dh'fhà g e liuthad bliadhna air ais gus tìr-mòr a thoirt air; beà rn eadar sean is òg, beà rn eadar Gà idhlig is Beurla; beà rn eadar an dòigh a dh'obraicheas inntinn fhèin a-nis agus a dh' obraich i uair. 'S e an dà nadas aig Mac a' Ghobhainn gun a bhith a' coimhead air na beà rnan a tha seo mar ghlacan iargalta gun ghrunnd ga bhacadh buileach ach mar bhealaichean ga threòrachadh gu tìrean ùra; agus 's ann ri linn eilthireachd coltais, air bun-stuth luachmhoir a chuid bà rdachd..."
Whyte, C. (An Geamhradh 1987-88) An t-Eilean agus an CĂ nan.
Gairm,141, td. 87

"Tha Mac a' Ghobhainn a' dèiligeadh ris a' chà nan ann am fichead dà n, agus ris an eilean ann an ceithir fichead agus a seachd. Is iad sin, tha mi smaoineachadh, na cuspairean as fhaisge ri a chridhe: a shuidheachadh fhèin, mar sgrìobhadair aig a bheil dà chà nan, is gun esan comasach a dhìlse shlà n a thoirt do aon den dithis; agus an ceangal a th'aige ri muinntir an eilein a bha ga shà rachadh, agus bhon d' fhuair e à s, ach nach fhaod e a dhìochuimhneachadh oir b'e sin saoghal a leanabais, an saoghal gun chiont san do fhreumhaicheadh a bhà rdachd...
Tha Mac a' Ghobhainn ag iarraidh sealladh is cuspairean is dòigh-sgrìobhaidh bà rdachd nan Gà idheal a leudachadh, ach feuchaidh e ri sin a dhèanamh ann an dòigh sònraichte. Tha a' Ghà idhlig a sgrìobhas e gu math tric neo-bhà rdail, air a truailleadh le faclan is pearsannan bho chultaran coigreach: "Cuin a chual tu 'oran gaoil fo verandah de Chouncil house?" Cumaidh e air gu bheil Gà idheil an latha an-diugh eòlach air dùthchannan is air mòr-thìrean eile: "Tha cuimhn 'am air Manitòba," ars esan... Ann an Edinburgh bidh sinn a' dol do restaurant Armenian... Aig Christmas bha mi fhìn is Sheila ann am Minorca...Tha a' mhòr-chuid den à bhachd a tha na beirm dhan leabhar uile a' tighinn bhon mheasgadh seo eadar saoghalan eadar-dhealaichte: "Nuair a thà inig mi mach do dheà rrsadh na grèine bha mi coltach ri John Wayne a' sgiùrsadh nam ministearan às mo rathad."
Mar a ghluaiseas e air adhart, tha "An t-Eilean" a' fàs nas suilbhire is nas calma. Tha bòidhchead à raid aig cuid de na rannan... agus tha ìomaighean os-fhìreach ann."
Meek, D. E. (2002) An Adhaigh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis
"Tha Iain Mac a' Ghobhainn cuideachd a' beachdachadh air an dualchas agus tha ùidh mhòr aige anns a' chreideamh, ach chan eil e cho tric a' cur a' chreideimh is an dualchais còmhla chun na h-aon ìre, no a' rannsachadh a' cheangail a tha eatorra. Tha e a' toirt dhuinn sealladh eile, saoilidh mi, sealladh an fheallsanaich air a' chreideamh, agus anns an t-sealladh sin tha cùisean nas glaine 's nas geà rrte, nas fhaisg air an inntinn na tha iad air a' chridhe.
Tha dà shamhla ann am bà rdachd Mhic a' Ghobhainn a bhios a' nochdadh gu math tric nuair a tha e a-mach air a' chreideamh – na h-adan dubha, agus am Bìoball. Tha na h-adan dubha a' riochdachadh creideamh Clèireach Leòdhais, agus na h-èildearan a bhios a' riaghladh a' chreideimh sin; agus tha am Bìoball a' riochdachadh rian is òrdugh a' chreideimh, an còd (code) a tha air chùl a' ghnothaich air fad. Tha na h-adan dubha agus am Bìoball cunnartach am beachd Mhic a' Ghobhainn a chionn 's gu bheil iad a' feuchainn ri smachd is riaghailt a chur air an t-saoghal nà darra."
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Aonghas PĂ draig Caimbeul a' cuimhneachadh air a' bhĂ rd
Tha ùine mhòr o nach robh mi sa bhaile bheag seo, an t-Òban, a bha a' ciallachadh na h-uiread dhomh aig aon à m. 'S air latha fuar, fliuch, foghair mar a th' againn an-diugh, nach eil e smaoineachail gu bheil am baile nist a dhìth a leithid Ailig Iain MacLeòid, an t-Urramach Iain MacLeòid agus a-nise am bà rd à raid Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, triùir Ghà idheal a bha cho aithnichte san aite. Tha am baile fhèin gun mòran spèis dhomh a-nise às an aonais.
Agus ann am priobadh na sùla, tha mi dà bhliadhna dheug a-rithist 's tha mi nam dheann ruith suas na staidhrichean ann an Àrd-sgoil an Òbain. Agus an uair sin an rùm à raid seo, rùm 10, far an robh e fhèin, an tidsear mìorbhaileach, am bà rd mòr, Iain Còir Crichton ga mo theagaisg.
'S nach iomadh uair a shuidh mi aig an deasc seo, anns a' chlas aige air chrith, 's mi a' feitheamh ri Macbeth, no Hamlet no King Lear tighinn thugam, 's mi a' cunntadh nan loidhnichean feuch 's cuin a bhiodh an turn agamsa ann, 's cia mheud sgoilear eile a bha ri leughadh fhathast mus fheumadh mise na briathran aithris a-mach nam briathran mòra...
'S e fhèin dìreach thall an sin le fiamh a' ghà ire air aodann, gun d' fhuair cuideigin ceart e mu dheireadh thall, 's gu robh Gà idheal òg eile a' tighinn a-mach à bochdainn gu foghlam is oideachadh is bà rdachd is litreachas. Tapadh leat, Iain.
Agus Combie's Street. Cho tric 's a chunnaic mi e a' coiseachd sìos an seo na chòta clòimh 's na ad, 's an t-Albannach fo achlais a' dèanamh air an taigh, 's air a mhà thair. 'S na mìorbhailean a thà inig a-mach às a' chlobhsa bheag seo: An Dubh 's An Gorm, Bùrn is Aran, Consider the Lilies, seòbhrachan às a' chlaich, dha-rìribh, mar a thuirt am bà rd eile.
'S an uair sin, mìorbhail a' ghrà idh, 's Donalda, 's mar a shocraich i aighear a' chridhe, 's mar a shèimhich e gu ciùineas na h-aois, an seo ann an Tigh an Uillt, na sgoilear, na bhà rd, na charaid 's na chomhairliche dha iomadh bà rd òg.
Cò a tha mi a' caoidh ma-thà , agus carson? Uill, anns a' chiad à ite, tidsear, ceart gu leòr. Oh nan tuigeamaid cho bunaiteach 's a bha foghlam dha Iain. Oir saoilidh mise gu robh iarrtas ro mhòr na chridhe gun tigeadh ..deigheadh...mo leithid-sa, Gà idheal òg, oideachadh ann an litreachas mhòr an t-saoghail, oir chunnaic e mar a chaidh foghlam a ghoid bhuam agus bho ar cuideachd. Agus b' e fìor rùn a chridhe gum biodh sgoilearan òga, Gà idheil agus Goill, ri bà rdachd is nobhailean is litreachas is chan ann a bhith a' cladhadh dhìgean agus a bhith a' cutadh sgadain, mar a bha a mhà thair-san agus mo mhà thair-sa.
Bà rd cuideachd, tha sinn a' caoidh, agus chan e bà rd beag, bìodach ach fear mòr eadar-nà iseanta, a dh'aindeoin 's gun do ghiùlain e fhèin a thà lant mhòr le uimhir de dh'ioraslachd.
'S tha sinn a' caoidh caraid, am fear a chaidh a-steach a dh'fhìor mheadhan na coille agus a dh'fhuiling còmhla rinn. Fear a rinn waltz aig mo bhanais agus a sheinn An Eala Bhà n nas miosa na bà rd eile a tha beò.
Agus bidh sinn a' caoidh a ghĂ ire, 's a gheansaidhean Ă raid, 's a phullover, 's na litrichean aig Murdo.
Os cionn uile, bidh mi a' caoidh cuideigin a chreid, a chreid da-rìribh ann am bà rdachd agus a thug ormsa creidsinn gu robh bà rdachd nas cudromaiche na poilitigs, na cinema, na telebhisean, na rud sam bith eile a bha mac an duine a' là imhseachadh.
Bidh mi ag ionndrainn cuideigin a thug urram agus onair do bhĂ rdachd.
SlĂ n leat, Iain. No mar a chanainn nuair a bha mi beag, agus a chanas mi fhathast, Mr Smith, Sir.
Air adhart gu
CeanglaicheanCopyright © 2015 Âé¶ąÉç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.