Iain Crichton Mac a' Ghobhainn
Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bà rdachd, rosg agus drà ma ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhà rdachd Ghà idhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nà dar an duine agus obair na h-inntinn; nà dar na bà rdachd agus ceà ird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-à raidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhà thair).
Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhà ird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhà ird a' coimhead air an à ite dham buineadh iad mar à ite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhà gail ach tha Mac a' Ghobhainn ag rà dh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pà ipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.
Tha dibhearsain na bhà rdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhà gh'.
Tha samhlaidhean a' ruith tro bhà rdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dà in aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cà nan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Am bà rd ag innse mu bhith a' sgrìobhadh ann an Gà idhlig
Sgrìobh mise sgeulachd mu dheidhinn nuclear bomb agus is ann mu dheidhinn am President Ameireaganach a bha seo. Agus bha am President Ameireaganach a bha seo a' smaoineachadh air dè bha dol a thachairt nuair a thigeadh nuclear bomb - bha e dol a thoirt seachad an òrdugh 's bha na fònaichean air a bheulaibh is dh'fheumadh e am fear dearg seo a phutadh. Bha e a' smaoineachadh mu dheidhinn a bhean.. a mhnatha... is mu dheidhinn a theaghlach is a h-uile cà il a bha seo...
Is bha daoine ag rà dh riumsa, chan eil gnothaich sam bith aige seo ris a' Ghà idhlig. Dè an gnothaich a th' aig a' Ghà idhlig ri American President? Agus dealbh-chluich a rinn mi mu dheidhinn Troy bho chionn bliadhnaichean, bheil fhios agad na rudan a bha a' tachairt ann an Troy bho chionn bliadhnaichean mòra air ais. 'S bha iad ag rà dh, chan eil còir againne a bhith a' sgrìobhadh mu dheidhinn nan rudan sin ann. Uill, chan eil mise a' dol le sin idir.
Tha mise a' smaoineachadh gum bu chòir dhan a' Ghà idhlig rud sam bith a dhèanamh. Mas urrainn dhan a' Bheurla feuchainn ri rud sam bith a dhèanamh, mas urrainn do chuideigin can coltach ri Forster sgrìobhadh mu dheidhinn nan Innseachan ann am A Passage to India, carson nach fhaod sinne sgrìobhadh mu dheidhinn rudan a tha a' dol air adhart anns an t-saoghal. Ma tha sinn ag iarraidh sgrìobhadh mu dheidhinn Vietnam, carson nach sgrìobh sinn mu dheidhinn Vietnam. Bha mise a' smaoineachadh sin a-riamh.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.