
Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, à ite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.
An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhà gail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e là ithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh là n-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.
Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bà rdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gà idhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bà rdachd Gà idhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cà nan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dà in aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhà ird gu aire mòran dhaoine.
Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais µþà °ù»å²¹³¦³ó»å a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den DÃ mhair 1998.
Mar a tha a bheatha agus bà rdachd a' tighinn ri chèile
'S e an aon rud eile air am bithinn a' sgrìobhadh mu dheidhinn glè thric, mu dheidhinn Iòsaph agus a bhrà ithrean - mar a chaidh Iòsaph sìos dhan Èipheit agus a thà inig a bhrà ithrean sìos ga fhaicinn bliadhnaichean mòra as dèidh sin. Bha mi a' smaoineachadh gu robh an sgeulachd sin anns a' Bhìoball glè choltach ri ar suidheachadh fhìn, can suidheachadh ùghdair no cuideigin tha a' fà gail nan eilean agus a'dol dhan bhaile mhòr. Tha e a'dol sìos dhan bhaile mhòr agus tha e a' dèanamh ainm dha fhèin, is tha e ag ionnsachadh cà nan ùr anns a' bhaile mhòr mar a dh'ionnsaich Iòsaph san Èipheit, is tha a bhrà ithrean a' tighinn sìos agus ann an dòigh tha e gan cuideachadh.
A' chuid as motha dhen a bhà rdachd agamsa, tha gu leòr dhith mu mo dheidhinn fhìn is na rudan a thachair dhomh fhìn agus anns an dòigh sin, 's mathaid gu bheil rudan agam ri rà dh.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.