
Chaochail athair nuair a bha Iain na bhalach beag agus ghluais an teaghlach air ais a Phabail Uarach an Eilean Leòdhais, à ite a thug buaidh mhòr air a sgrìobhadh thar nam bliadhnaichean.
An dèidh dha Oilthigh Obar Dheathain fhà gail, thug e a-mach ceum ann an teagasg agus chuir e là ithean obrach seachad a' teagaisg ann an Àrd Sgoiltean ann am Bruach Chluaich, Dùn Breatainn agus anns an Òban. Leig e dheth a dhreuch ann an 1977 nuair a thionndaidh e gu bhith a' sgrìobhadh là n-ùine agus rinn e fhèin 's a bhean Donalda an dachaigh ann an Taigh an Uillt.
Tha Iain ainmeil airson a bhith a' sgrìobhadh bà rdachd, rosg, nobhailean agus dealbhan-cluich ann an Gà idhlig agus ann am Beurla, do chlann agus do dh'inbhich. Am measg nan leabhraichean bà rdachd Gà idhlig a chaidh fhoillseachadh bha Bùrn is Aran (1960), Eadar Fealla-Dhà is Glaschu (1974) agus An t-Eilean agus An Cà nan (1987) agus chaidh na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh ann an iomadh iris.
Rinn e cuideachd obair ionmhalta ag eadar-theangachadh cuid de na dà in aig a dheagh charaid Somhairle MacGill-Eain dhan Bheurla, rud a chuidich ann a bhith a' toirt obair a' bhà ird gu aire mòran dhaoine.
Choisinn e iomadh duais na bheatha airson sgrìobhadh ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Nam measg, OBE ann an 1980, Duais µþà °ù»å²¹³¦³ó»å a' Cho-fhlaitheis ann an 1986 agus Duais Saltire ann an 1992.
Chaochail Iain ann an Taigh an Uillt air an 15mh den DÃ mhair 1998.
Iain C Mac a' Ghobhainn a' taghadh aon de na dà in as fheà rr leis fhèin
Cha b'urrainn dhòmh am prògram a tha seo a chur ri chèile gun smuain a thoirt air Donnchadh Bà n, am bà rd dòchasach, toil-inntinneach. Tha ceòl a chuid bà rdachd aotrom, grianach agus tha e mionaideach air fheadh. Seo am pìos a thagh mi à Moladh Beinn Dòbhrain.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.