Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (Am Foghar 1983) Selected Poems 1955-1980.
Gairm, 124, td. 379
" 'S ann mar sgrìobhaiche Gà idhlig as eòlaiche a tha luchd-leughaidh Gairm air Iain Mac a' Ghobhainn, agus tha e rudeigin neònach nach eil dad den bhà rdachd Ghà idhlig aige anns an leabhar seo, ged a tha rud math ann a tha air eadar-theangachadh bho Ghà idhlig (Bìobuill is Sanasan-reice, air fhoillseachadh le Gairm ann an 1965, agus Eadar Fealla-dhà is Glaschu, air fhoillseachadh le Roinn nan Cà nan Ceilteach, Glaschu, ann an 1974). Cha bu chòir do dhuine breith a thoirt air a' bhà rdachd aige gun a bhith eòlach air obair anns an dà chà nan oir tha obair anns a' Bheurla a' soilleireachadh obair anns a' Ghà idhlig, agus an rathad eile cuideachd...
A' leughadh an taghaidh seo bho obair chòig bliadhna fichead, chì duine nas soilleire na duail a th'innte. Tha mi am beachd gun tug Mac a' Ghobhainn deagh ùine mus do lorg e fhìor ghuth fhèin, agus gu bheil e dualtach an guth sin a leigeil gu là r a-rithist corra uair, ach tha e là n-aithnichte a-nis. Agus is dòcha gum faod sinn a rà dh gu robh fhèin-fhiosrachadh fhèin a' tighinn eadar e 's an guth sin an toiseach, tha e mar gum biodh eagal air e fhèin a chur na bhà rdachd, ged a bha i là n dheth, agus aig a' cheann thall tha an t-eagal sin a' falbh, 's tha a' bhà rdachd nas treise, agus a' buntainn nas motha ris an t-saoghal mhòr...
Nuair a bha e na b'òige bhiodh e a' cleachdadh cus shamhlaidhean, 's feadhainn dhiubh nach robh a' cosnadh an à ite anns an dà n ("clutching his coat about him like an old iron", d.22) agus cha b'fhuilear do dhuine aig a bheil uiread de fhacail na cheann an ceannsachadh nas cruaidhe. Ach nach e facail meadhan a' bhà ird; nach ann de fhacail a tha e air a dhèanamh, agus nuair a tha an smachd ceart aige orra tha iad cumhachdadh. Gheibh sinn an cruas sin ann an cuid de na dà in a rinn e na òige ("Home", d.24, leis a' ghrà mar là n fhèithean, agus "Deer on the High Hills" – "The witty gun blazed from his knowing hand" – no "Old Woman", far a bheil na samhlaidhean a' cur ris a' chumhachd 's ris an aognaidheachd an à ite bhith gan tolladh.
Tha meadaireachd a' bhà ird sgileil, agus glè thric (mar eisimpleir ann an "Orpheus") air leth sgileil, le smachd a tha a' coimhead aotrom ach a tha ag iarraidh fìor aire an- còmhnaidh.
Tha saoghal farsaing anns an leabhar seo – a' Ghà idhealtachd, Glaschu, Alba, saoghal poilitigeach an là -an-diugh, litreachas sean agus ùr, nà dar an duine, bà s, gaol is feallsanachd: Is fhiach e tilleadh is tilleadh ann."
MacFhionnlaigh, F. (Am Foghar 1984) Na h-Eilthirich.
Gairm,128, td. 375

"..san leabhar seo tha againn bà rdachd de fhìor à rd-inbhe.
Mar a bhios fios aig a' mhòr-chuid 's ann anns an nòs ùr a sgrìobhas Mac a' Ghobhainn, agus 's ann a-mach air mòr-chuspairean an là 'n diugh a tha e – easbhaidh bunait sheasmhaich dha na casan ann an saoghal cugallach diombuan; duilgheadasan a-thaobh ciall a dhèanamh dhen bheatha; oillt fa chomhair cumhachd neo-thruacanta tìme; ach gu h-à raidh faireachdainn lom de choimheachas a-thaobh an t-saoghail is dhaoine eile, 's e sin ri rà dh seòrsa de mhothachadh nach eil mar as trice fìor-choinneachadh eadar duine agus a chompanaich ach atharrais ao-domhainn air a' ghnothaich a dh'fhà gas neach aonarach fiù am meadhan rùm là n sluaigh. Agus togaidh Mac a' Ghobhainn a' cheist an fhiach bà rdachad sìon a leithid seo de shaoghal...
Faodaidh duine bhith na eilthireach chan ann a-mhà in thall thairis an Canada no Astrà ilia (cuspair ris a bheil cuid de na dà in seo a' dèiligeadh) ach eadhon na dhùthaich fhèin, agus na dhachaigh fhèin. Tha Mac a' Ghobhainn mothachail gu bheil iomadh beà rn air fhuasgladh na bheatha – beà rn eadar Leòdhas an là 'n-diugh is an Leòdhas ud a dh'fhà g e liuthad bliadhna air ais gus tìr-mòr a thoirt air; beà rn eadar sean is òg, beà rn eadar Gà idhlig is Beurla; beà rn eadar an dòigh a dh'obraicheas inntinn fhèin a-nis agus a dh' obraich i uair. 'S e an dà nadas aig Mac a' Ghobhainn gun a bhith a' coimhead air na beà rnan a tha seo mar ghlacan iargalta gun ghrunnd ga bhacadh buileach ach mar bhealaichean ga threòrachadh gu tìrean ùra; agus 's ann ri linn eilthireachd coltais, air bun-stuth luachmhoir a chuid bà rdachd..."
Whyte, C. (An Geamhradh 1987-88) An t-Eilean agus an CĂ nan.
Gairm,141, td. 87

"Tha Mac a' Ghobhainn a' dèiligeadh ris a' chà nan ann am fichead dà n, agus ris an eilean ann an ceithir fichead agus a seachd. Is iad sin, tha mi smaoineachadh, na cuspairean as fhaisge ri a chridhe: a shuidheachadh fhèin, mar sgrìobhadair aig a bheil dà chà nan, is gun esan comasach a dhìlse shlà n a thoirt do aon den dithis; agus an ceangal a th'aige ri muinntir an eilein a bha ga shà rachadh, agus bhon d' fhuair e à s, ach nach fhaod e a dhìochuimhneachadh oir b'e sin saoghal a leanabais, an saoghal gun chiont san do fhreumhaicheadh a bhà rdachd...
Tha Mac a' Ghobhainn ag iarraidh sealladh is cuspairean is dòigh-sgrìobhaidh bà rdachd nan Gà idheal a leudachadh, ach feuchaidh e ri sin a dhèanamh ann an dòigh sònraichte. Tha a' Ghà idhlig a sgrìobhas e gu math tric neo-bhà rdail, air a truailleadh le faclan is pearsannan bho chultaran coigreach: "Cuin a chual tu 'oran gaoil fo verandah de Chouncil house?" Cumaidh e air gu bheil Gà idheil an latha an-diugh eòlach air dùthchannan is air mòr-thìrean eile: "Tha cuimhn 'am air Manitòba," ars esan... Ann an Edinburgh bidh sinn a' dol do restaurant Armenian... Aig Christmas bha mi fhìn is Sheila ann am Minorca...Tha a' mhòr-chuid den à bhachd a tha na beirm dhan leabhar uile a' tighinn bhon mheasgadh seo eadar saoghalan eadar-dhealaichte: "Nuair a thà inig mi mach do dheà rrsadh na grèine bha mi coltach ri John Wayne a' sgiùrsadh nam ministearan às mo rathad."
Mar a ghluaiseas e air adhart, tha "An t-Eilean" a' fàs nas suilbhire is nas calma. Tha bòidhchead à raid aig cuid de na rannan... agus tha ìomaighean os-fhìreach ann."
Meek, D. E. (2002) An Adhaigh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis
"Tha Iain Mac a' Ghobhainn cuideachd a' beachdachadh air an dualchas agus tha ùidh mhòr aige anns a' chreideamh, ach chan eil e cho tric a' cur a' chreideimh is an dualchais còmhla chun na h-aon ìre, no a' rannsachadh a' cheangail a tha eatorra. Tha e a' toirt dhuinn sealladh eile, saoilidh mi, sealladh an fheallsanaich air a' chreideamh, agus anns an t-sealladh sin tha cùisean nas glaine 's nas geà rrte, nas fhaisg air an inntinn na tha iad air a' chridhe.
Tha dà shamhla ann am bà rdachd Mhic a' Ghobhainn a bhios a' nochdadh gu math tric nuair a tha e a-mach air a' chreideamh – na h-adan dubha, agus am Bìoball. Tha na h-adan dubha a' riochdachadh creideamh Clèireach Leòdhais, agus na h-èildearan a bhios a' riaghladh a' chreideimh sin; agus tha am Bìoball a' riochdachadh rian is òrdugh a' chreideimh, an còd (code) a tha air chùl a' ghnothaich air fad. Tha na h-adan dubha agus am Bìoball cunnartach am beachd Mhic a' Ghobhainn a chionn 's gu bheil iad a' feuchainn ri smachd is riaghailt a chur air an t-saoghal nà darra."
The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .
Anna Latharna NicGill-Iosa a' cuimhneachadh air a' bhĂ rd
Tha tòrr dhaoine ag rà dh mu dheidhinn gu robh bàs cudromach dha, gu robh eagal air ann an dòigh mu dheidhinn a' bhà is, gu robh bàs a mhà thar cho cudromach, gu robh tòrr chailleachan dubha rim faicinn anns a' bhà rdachd aige, gu robh e a'coimhead air ais air bàs ann an dòigh a bha caran negative, 's dòcha. Ach tha mise a' smaoineachadh gun d'fhuair e, gu h-à raidh anns a' bhà rdachd, an dà chuid ann an Gà idhlig agus ann am Beurla, ann an teis-meadhan a' bhà is gu d'fhuair e neamhnaidean, gun d'fhuair e seudan agus gun d'fhuair e rud a bha cho cudromach ann am bà rdachd sam bith. Mar eisimpleir, cluinn seo...
Siud mu dheidhinn bàs a mhà thar, gu robh esan air fhà gail anns an taigh, ise air falbh agus tòrr dha na dà in a' bruidhinn air a' cheist is mar a chaidh i sìos dhan ùir agus rudan mar sin. Ach aig a' cheann thall, tha esan air fhà gail anns an taigh far an robh i, a'coimhead air uaireadair na laighe ri taobh na leapa...
Agus tha sin ag innse dhòmhsa gu robh saoghal a mhà thar, gu robh ise aig meadhan ghnothaichean cuideachd agus an saoghal aice. Tha daoine an còmhnaidh a' smaoineachadh gu robh e a' feuchainn ri faighinn air falbh bhon t-saoghal a tha sin agus gu ìre mhòr, bha. Ach, ma bha e airson faighinn air falbh, dh'fhaodadh e a bhith air a dhol air bus agus a dhol a dh'fhuireach an Lunnainn ach cha b' e sin a rinn e. Choimhead e a-steach ann fhèin, air na rudan a chruthaich esan air na rudan a rinn a' bhà rdachd aige, air na rudan a chruthaich na beachdan smuain aige, agus thug e cead dhuinn agus thug e cuideachadh dhuinn a bhith a' tuigsinn nan rudan a tha sin cuideachd. Agus tha mi a' smaoineachadh gur ann sna rudan beaga prìseil mar siud a tha sinn a' faicinn Iain.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.