Iain Crichton Mac a' Ghobhainn
Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bà rdachd, rosg agus drà ma ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhà rdachd Ghà idhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nà dar an duine agus obair na h-inntinn; nà dar na bà rdachd agus ceà ird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-à raidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhà thair).
Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhà ird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhà ird a' coimhead air an à ite dham buineadh iad mar à ite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhà gail ach tha Mac a' Ghobhainn ag rà dh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pà ipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.
Tha dibhearsain na bhà rdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhà gh'.
Tha samhlaidhean a' ruith tro bhà rdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dà in aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cà nan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Cuin a thòisich e a' sgrìobhadh?
Thòisich mi a' sgrìobhadh an toiseach aig aon-bliadhna deug. Cha b' e sgrìobhadh a bh' ann... 'S e thachair, dhùisg mi a' mhadainn a bha seo agus thòisich mi a' cur a-mach, gun sgrìobhadh sìos idir, a' bhà rdachd a bha seo mu dheidhinn Neville Chamberlain thall san Roinn Eòrpa. Bhiodh e a' falbh leis an umbrella a bha seo, 's bhiodh e a' coinneachadh ri Hitler 's bhiodh an umbrella aige. Chan eil fhios 'am an ann airson sabaid ri Facism a bha an umbrella a bha seo, no nach ann! Bhiodh ad dhubh air is umbrella aige. Chan eil fhios 'am dè bu choireach gun thachair seo, ach b' ann ann an Gà idhlig a bha e cuideachd. Cha robh cà il a dh'fhios 'am co às a thà inig e 's cha robh fios aig duine eile. Cha robh bà rd anns an teaghlach no cà il.
Ach a bharrachd air an sin, bha notebook mòr agam agus bhithinn a' sgrìobhadh tòrr, gu h-à raidh sa Bheurla. Cha bhithinn ga shealltainn dha duine sam bith. Na tidsearan a bh' againn aig an à m ud, cha b'urrainn dhut cà il sam bith a shealltainn dhaibh. Shaoil mise gu robh iad uabhasach gruamach 's gum biodh an obair agad glan, ach nach robh iad uabhasach airson 's gum biodh an stuth agad creative.
Martainn Dòmhnallach: Cà ite an robh seo, sa bhun-sgoil?
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: 'S ann, anns a' bhun-sgoil. Aig aon-bliadhna deug bhithinn fhathast ann an Sgoil Phabail.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.