Iain Crichton Mac a' Ghobhainn
Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bà rdachd, rosg agus drà ma ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhà rdachd Ghà idhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nà dar an duine agus obair na h-inntinn; nà dar na bà rdachd agus ceà ird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-à raidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhà thair).
Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhà ird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhà ird a' coimhead air an à ite dham buineadh iad mar à ite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhà gail ach tha Mac a' Ghobhainn ag rà dh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pà ipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.
Tha dibhearsain na bhà rdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhà gh'.
Tha samhlaidhean a' ruith tro bhà rdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dà in aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cà nan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Carson a bha e a' sgrìobhadh barrachd ann am Beurla?
Bho chionn grunn math bhliadhnaichean air ais, bha mi a' sgrìobhadh sgeulachdan goirid ann an Gà idhlig agus tha mi a' smaoineachadh gur e na sgeulachdan goirid ann an Gà idhlig an rud as fheà rr a sgrìobh mi ann an Gà idhlig. Ach bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean an seo chan eil mi a' sgrìobhadh uimhir ann an Gà idhlig 's a tha mi a' sgrìobhadh ann am Beurla. 'S e rud duilich tha seo ann an dòigh ach tha mi a' smaoineachadh nuair a bhios duine a-mach às an eilean, 's nach eil e a' bruidhinn na Gà idhlig gu là itheil 's gu tric, gu bheil am blas ga fhà gail ann an dòigh agus bha eagal orm, is bha eagal orm fad mo bheatha ann an dòigh cuideachd, nach robh blas na Gà idhlig a' tighinn air na rudan a bha mi a' sgrìobhadh agus gu robh blas Beurla a' tighinn orra. Agus mar as fhaide a bha mi air falbh à Leòdhas agus às na h-à itichean anns an robh a' Ghà idhlig ga bruidhinn, gu robh seo 's mathaid a' dol na bu mhiosa fad na tìde.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.