Iain Crichton Mac a' Ghobhainn
Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bà rdachd, rosg agus drà ma ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhà rdachd Ghà idhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nà dar an duine agus obair na h-inntinn; nà dar na bà rdachd agus ceà ird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-à raidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhà thair).
Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhà ird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhà ird a' coimhead air an à ite dham buineadh iad mar à ite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhà gail ach tha Mac a' Ghobhainn ag rà dh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pà ipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.
Tha dibhearsain na bhà rdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhà gh'.
Tha samhlaidhean a' ruith tro bhà rdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dà in aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cà nan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Carson a tha e tric a' cleachdadh ìomhaigh seann bhoireannach?
Tha sin a' tachart anns a' bhà rdachd agam mar a tha thu ag rà dh agus tha e a' tachairt anns an nobhail sin ceart gu leòr. Chan eil fhios 'am dè as coireach dhan sin. Tha mi a' smaoineachadh ann an dòigh gur e aon rud as coireach ris, nuair a bha mi a' fàs suas ann an Leòdhas aig à m a' chogaidh, bha an dà chuid ann, bha an fheadhainn òg ann agus bha an fheadhainn aosta ann agus an fheadhainn mheadhanach, cha robh iad ann, bha iad anns a' chogadh. Agus air an adhbhar sin tha mi a' smaoineachadh gum bithinn a' coimhead tòrr a bharrachd dhe na daoine aosta, no bruidhinn ri na daoine aosta, na b' à bhaist dhomh mura biodh cogadh air a bhith ann. Ach cuideachd, bha mo mhà thair ann, bha creideamh là idir aice-se agus bhithinn ga sgrùdadh-se glè thric agus an ginealach às an tà inig i. Agus ged a bha iad, tha mi a' smaoineachadh cumhang nan creideamh, bha iad là idir cuideachd.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.