Iain Crichton Mac a' Ghobhainn
Tha Iain Mac a' Ghobhainn ainmeil mar fhear-sgrìobhaidh bà rdachd, rosg agus drà ma ann an Gà idhlig agus ann am Beurla. Anns a' bhà rdachd Ghà idhlig aige, tha e a' ruith air grunn chuspairean, leithid: an t-eilean agus an dòigh-beatha anns an do thogadh e ach o bheil e a' gluasad nas fhaide is nas fhaide air falbh; san fharsaingeachd mar a tha dòighean traidiseanta agus ùra a' tighinn a rèir a chèile; creideamh; feallsanachd mu nà dar an duine agus obair na h-inntinn; nà dar na bà rdachd agus ceà ird an sgrìobhaiche; agus an aois, gu h-à raidh tro eisimpleir aon sheann bhoireannach (a mhà thair).
Tha Mac a' Ghobhainn an còmhnaidh a' strì gus faighinn gu cridhe cuspair agus gus an fhìrinn innse às aonais na loinne a chuireas na seann bhà ird, na meadhanan no am mòr-shluagh oirre. Mar eisimpleir, bhiodh na seann bhà ird a' coimhead air an à ite dham buineadh iad mar à ite gun chearb agus a' caoidh gun robh aca ri fhà gail ach tha Mac a' Ghobhainn ag rà dh nach eil an gnothach an còmhnaidh cho sìmplidh ri sin. Cuideachd tha e a' cur ceist anns an dealbh a gheibh sinn air an t-saoghal on TV agus a leithid. An e sin 'an fhìrinn' no an e dìreach 'saoghal shanasan-reice' no 'saoghal pà ipeir' a tha ann? Tha e airson dealbh a thoirt air an t-saoghal mar a tha e.
Tha dibhearsain na bhà rdachd cuideachd. Tha tòrr a' tighinn o bhith a' cur ìomhaighean ùra agus aosta an lùib a chèile. Mar eisimpleir, 'clachan Woolworth anns a' bhà gh'.
Tha samhlaidhean a' ruith tro bhà rdachd Mhic a' Ghobhainn. Tha cuid de na dà in aige a tha domhainn agus anns a bheil tòrr susbaint ach tha an cà nan a tha e a' cleachdadh an ìre mhath sìmplidh mar as trice. Tha e tric a' cleachdadh rannaigheachd le coltas traidiseanta aguvs a' cur feum air comhardadh, ach chan eil an rannaigheachd aige teann agus faodaidh i uaireannan leughadh mar còmhradh. Uaireannan bidh e a' cleachdadh saor-rannaigheachd.
Comhairle do dhuine sam bith a tha airson tòiseachadh a' sgrìobhadh
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: 'S e ealain, an obair a tha mi a' dèanamh, sin an rud a tha gam chumail a' dol. Rinn mi dealbhan dhen an t-saoghal airson daoine eile a leughadh, ma tha iad airson an leughadh. Tha sin a' toirt dhòmhsa toileachas mhòr. Tha a bhith a' sgrìobhadh bà rdachd agus a bhith a' sgrìobhadh rosg a' toirt toileachas dhòmhsa nach d' fhuair mi riamh à cà il sam bith eile.
Martainn Dòmhnallach: A' bheil e a' toirt seòrsa de mhaireannachd dhut?
Iain Crichton Mac a' Ghobhainn: Bu chaomh leam gum biodh sin a' tachairt, gum biodh cuimhn' aca air an rud a sgrìobh mi. Bidh feadhainn a' sgrìobhadh thugam is bidh iad a' cantainn rium, chòrd an leabhar seo rium uabhasach math no chòrd a' bhà rdachd seo agus dhrùidh i orm. An leabhar a sgrìobh mi bho chionn bliadhnaichean mòra air ais, leabhar a bh' ann mu dheidhinn nam Fuadaichean, Consider the Lilies... Tha cuimhne agam as dèidh an leabhar sin a sgrìobhadh fhuair mi tòrr litrichean à iomadach à it'. Tha cuimhn' 'am as dèidh dhan leabhar a thighinn a-mach, bha e air an rèidio ann an 10 pà irtean agus fhuair mi litir bhon a' bhoireannach a bha seo à Suffolk. Tha mi a' smaoineachadh gur e Gà idheal no Albannach a bh'innte ach bha i a' fuireach ann an Suffolk. 'S bha i ag rà dh nuair a bha i ag èisteachd ris an rèidio nuair a bha an leabhar a' tighinn gu ceann, gu robh i a' gall, dhrùidh e oirre cho mòr. Nuair a gheibh mise litrichean bho dhaoine a bhios ag rà dh, leugh mi an sgeulachd seo no a' bhà rdachd seo agus dhrùidh i orm, agus bha e a' teagaisg dhomh beagan mun t-saoghal sa bheil sinn beò air nach do smaoinich mi ron seo... tha sin a' toirt toileachas dhomh ann an dòigh.
Air adhart gu
µţĂ °ů»ĺ˛ął¦łó»ĺÂé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.