Âé¶¹Éç

19mh linn / Màiri Mhòr nan Òran

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Ã’ran Beinn Lì

Dàn 2

Tha Màiri Mhòr san dàn seo ag innse mar a fhuair na croitearan còirichean air a' phìos fearainn àraidh seo agus an toileachas a rinn i fhèin ris an naidheachd gun robh buaidh le na croitearan mu dheireadh.


Mar as àbhaist le Màiri Mhòr tha an dàn ag èirigh a-mach à suidheachadh àraidh: 's e neart a tha sin ann an aon dòigh oir tha an t-òran na fhianais air tachartas cudromach ann an eachdraidh an Eilein, ach 's e laigse a tha ann o shealladh eile o nach eil e furasta a thuigsinn ceart gun fiosrachadh mionaideach mu dhaoine agus thachartasan àraidh on àm sin.


Tha, ge-tà, toileachas a' bhàird ris an naidheachd agus an dòchas a dhùisg seo innte fhèin agus ann an daoine eile a' tighinn troimhe gu làidir agus gu soilleir san òran.


Òran Beinn Lì

  • Thugaibh taing dhan a' mhuinntir
  • Tha fo riaghladh na Banrigh,
  • Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt'
  • 'S nach caill sinn Beinn Lì.
  • Cuiribh beannachd le aiteas
  • Gu tuathanaich Bhaltois
  • Bha air tùs anns a' bhatail,
  • 'S nach do mheataich san strì.
  • Nuair thàinig e chiad uair
  • 'S leth-cheud 'aingeal' fo riaghladh,
  • Chuir e còignear an iarainn
  • Ann an crìochan Beinn Lì.
  • Chaidh an giùlan leis 'na h-aingle'
  • 'S an glasadh an gainntir;
  • 'S a dh'aindeoin cumhachd an nàimhdean,
  • 'S leo am fonn is Beinn Lì.
  • 'S na mnathan bu shuairce
  • 'S bu mhodhaile gluasad,
  • Chaidh an claiginn a spuaiceadh
  • Ann am bruachan Beinn Lì.
  • 'S ged bha 'n sealladh na uabhas,
  • 'S an fhuil a' reothadh san luachair
  • Le slacain nan truaghan,
  • Cha d' fhuair iad Beinn Lì.
  • Siud a' bheinn a tha dealbhach,
  • 'S dhan a' Bhanrigh bha sealbhach,
  • 'S chan eil beinn ann an Albainn
  • 'N-diugh cho ainmeil 's Beinn Lì.
  • 'S math an colaist' am prìosan –
  • 'S fhad' o dh'aithnich mi fhìn sin –
  • Ach thig buaidh leis an fhìrinn
  • Dh'aindeoin innleachd nan daoi.
  • 'S math an colaist' an Calton -
  • 'S ceart a dh'fhoghlaim e 'm 'Martar',
  • Ged bha cuid thug às acaid
  • Leis an rachd bha nan crìdh'.
  • 'S nis, a chroitearan ionmhainn,
  • Cumaibh cuimhn' air MacAonghais,
  • 'S dèanaibh sòlas ri iomradh
  • An duine shuilbheara, ghrinn.
  • 'S ged a dh'fhàg e ar sràidean
  • Le bhanoglach ²ú³óྱ»å³ó±ð¾±±ô,
  • Tha i son' ann a Bhàlaigh
  • Dol gu àirigh cruidh-laoigh.

Òran Beinn Lì

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Dòmhnall Meek a' beachdachadh air a' bhàrdachd

Ann an Nuair Bha Mi Òg, tha Màiri Mhòr a' dùsgadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha i air tilleadh à baile mòr Ghlaschu, bha i ann an Glaschu. Chaidh i à Inbhir Nis do Ghlaschu, 's bha i 'g obair timcheall air a' bhaile, 's bhiodh i dol air ais don Eilean Sgitheanach. 'S a' mhadainn a bha seo, bha i dùsgadh 's chunnaic i a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr agus dhrùidh maise an Eilein Sgitheanaich oirre às ùr.

Thàinig e air ais oirre cuideachd mar a bhiodh i fhèin na caileig a' falbh air feadh an eilein, a' faicinn nam flùraichean, a' faicinn na seallaidhean, a' faicinn nan taighean, a' faicinn nan daoine, agus a-rithist tha Nuair Bha Mi Òg gu math pearsanta. Tha e mar gum biodh e fosgladh uinneagan air beatha Màiri Mhòr, agus chì thu ann a' sin i na caileig, "'S am fraoch a' stròiceadh mo chòta bàn," nuair a tha i a' ruith air feadh na mòintich, agus tha i ga h-aiseig air ais, mar gum biodh, gu bliadhnachan a h-òige fhèin nuair a bha i na caileig. Agus tha i tilleadh ann an aisling gu làithean a h-òige.

Nise, tha 'n dealbh a tha sin cho drùidhteach air dhòigh air choireigin. Tha an dealbh a tha i dèanamh den eilein, tha e, dhomhsa co-dhiù, a' riochdachadh neo-chiontachd na h-òige. Agus dìreach aig deireadh an òrain sin, tha 'n aisling a' sguir, mar gun cluinneadh tu rudeigin uamhasach a' tighinn a-staigh air bruadar, aisling mhilis a th' agad air an oidhche, 's tha rudeigin anabarrach grànnda a' tighinn ort. Agus anns an rann mu dheireadh, tha i 'g innse dhuinn dè tha sin, agus 's e sin bàta na smùid a' tighinn, ga toirt air falbh às an Eilean Sgitheanach 's ga toirt a Ghlaschu, baile mòr na smùid 's na h-ùpraid, 's baile an t-salchair. Agus tha 'n aisling a' sguir ann a' sin, agus chan eil i neo-chiontach tuilleadh. Tha i call neo-chiontachd na h-òige, maise na h-òige, agus tha toit a' bhàta tha seo a' dubhadh às bòidhchead is aisling an eilein.

Nuair bha mi òg? Tha seo a-rithist gu math corporra an iomadh dòigh. Òran a tha.. a dh'fhaodas tu bhith faireachdainn fod chasan, led làmhan. Ach aig an aon àm, tha e bruidhinn air rudan eile, mar a tha duine a' fàs, neach a' fàs o bhith na leanabh gu bhith na dhuine. Agus an uair sin, anns a' mhalairt a tha dol a' sin, tha an duine sin a' call rudeigin brìghmhor nach till gu siorraidh ach a-mhàin ann an aisling 's ann am bruadar.

Sin a tha, dhomhsa, a tha dèanamh Nuair bha mi òg cho cumhachdach. Òran eireachdail far a bheil, o, tha mi smaoineachadh, doimhneachdan nach eil ann a' gin eile de Mhàiri Mhòr a thaobh a fiosrachadh pearsanta fhèin.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Màiri Mhòr nan Òran

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.