Âé¶¹Éç

19mh linn / Màiri Mhòr nan Òran

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Nuair Bha Mi Ã’g

Dàn 3

Tha a' bhana-bhàrd a' glacadh ar n-aire sa chiad rann le a cunntas air madainn bhrèagha samhraidh san Eilean Sgitheanach, air innse ann an rannaigheachd shiùbhlach, fhonnmhor.


Tha ìomhaighean tarraingeach agus cainnt cheòlmhor mar seo a' ruith tron dàn, mar eisimpleir: "mi cheart cho aotrom ri naosg air lòn", "an tobht' aig Annda 's e làn de fheanntaig", "gach bileag aoibhneach fo bhraon na h-oidhche".


Tha na seallaidhean a tha fa chomhair a' bhàird a' cuimhneachadh dhi a h-òige agus tha i a' toirt dealbh soilleir, mionaideach air roinnean den dòigh-beatha sin.


Tha an loidhne "Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg" a' ruith mar shèist tron dàn, a' ceangal ri chèile an dealbh thlachdmhor seo air an àite agus air dòigh-beatha a dh'fhalbh.


Nuair Bha Mi Ã’g

  • Moch 's mi 'g èirigh air bheagan è¾±²õ±ô±ð¾±²Ô
  • Air madainn Chèitein 's mi ann an Ã’²õ,
  • Bha sprèidh a' geumnaich an ceann a chèile,
  • 'S a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr;
  • Bha gath a' boillsgeadh air slios nam beanntan,
  • Cur tuar na h-oidhche na dheann fo sgòd,
  • Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor,
  • Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
  • Toirt na mo chuimhne le bròn is aoibhneas
  • Nach fhaigh mi cainnt gus a chur air dòigh
  • Gach car is tionndadh an corp 's an inntinn
  • Bhon dh'fhàg mi 'n gleann 'n robh na suinn gun ghò;
  • Bha sruth na h aibhne dol sìos cho ³Ùྱ³¾³ó¾±»å³ó,
  • Is toirm nan allt freagairt cainnt mo bheòil,
  • 'S an smeòrach bhinn suidhe seinn air meanglan,
  • Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.
  • Toirt na mo chuimhn' iomadh nì a rinn mi,
  • Nach faigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil –
  • A' falbh sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean
  • Gun solas lainnteir ach ceann an fhòid;
  • Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa,
  • Ach dh'fhalbh an t àm sin 's tha 'n gleann fo bhròn;
  • Bha 'n tobht' aig Anndra 's e làn de dh'fheanntaig
  • Toirt na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair Bha Mi Ã’g

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Nuair Bha Mi Ã’g air a sheinn le Kenna Chaimbeul

Nuair Bha Mi Ã’g air a sheinn le Kenna Chaimbeul.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Màiri Mhòr nan Òran

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.