Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Dòmhnall Meek a' beachdachadh air a' bhà rdachd
Ann an Nuair Bha Mi Òg, tha Mà iri Mhòr a' dùsgadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha i air tilleadh à baile mòr Ghlaschu, bha i ann an Glaschu. Chaidh i à Inbhir Nis do Ghlaschu, 's bha i 'g obair timcheall air a' bhaile, 's bhiodh i dol air ais don Eilean Sgitheanach. 'S a' mhadainn a bha seo, bha i dùsgadh 's chunnaic i a' ghrian ag èirigh air Leac an Stòrr agus dhrùidh maise an Eilein Sgitheanaich oirre às ùr.
Thà inig e air ais oirre cuideachd mar a bhiodh i fhèin na caileig a' falbh air feadh an eilein, a' faicinn nam flùraichean, a' faicinn na seallaidhean, a' faicinn nan taighean, a' faicinn nan daoine, agus a-rithist tha Nuair Bha Mi Òg gu math pearsanta. Tha e mar gum biodh e fosgladh uinneagan air beatha Mà iri Mhòr, agus chì thu ann a' sin i na caileig, "'S am fraoch a' stròiceadh mo chòta bà n," nuair a tha i a' ruith air feadh na mòintich, agus tha i ga h-aiseig air ais, mar gum biodh, gu bliadhnachan a h-òige fhèin nuair a bha i na caileig. Agus tha i tilleadh ann an aisling gu là ithean a h-òige.
Nise, tha 'n dealbh a tha sin cho drùidhteach air dhòigh air choireigin. Tha an dealbh a tha i dèanamh den eilein, tha e, dhomhsa co-dhiù, a' riochdachadh neo-chiontachd na h-òige. Agus dìreach aig deireadh an òrain sin, tha 'n aisling a' sguir, mar gun cluinneadh tu rudeigin uamhasach a' tighinn a-staigh air bruadar, aisling mhilis a th' agad air an oidhche, 's tha rudeigin anabarrach grà nnda a' tighinn ort. Agus anns an rann mu dheireadh, tha i 'g innse dhuinn dè tha sin, agus 's e sin bà ta na smùid a' tighinn, ga toirt air falbh às an Eilean Sgitheanach 's ga toirt a Ghlaschu, baile mòr na smùid 's na h-ùpraid, 's baile an t-salchair. Agus tha 'n aisling a' sguir ann a' sin, agus chan eil i neo-chiontach tuilleadh. Tha i call neo-chiontachd na h-òige, maise na h-òige, agus tha toit a' bhà ta tha seo a' dubhadh às bòidhchead is aisling an eilein.
Nuair bha mi òg? Tha seo a-rithist gu math corporra an iomadh dòigh. Òran a tha.. a dh'fhaodas tu bhith faireachdainn fod chasan, led là mhan. Ach aig an aon à m, tha e bruidhinn air rudan eile, mar a tha duine a' fà s, neach a' fàs o bhith na leanabh gu bhith na dhuine. Agus an uair sin, anns a' mhalairt a tha dol a' sin, tha an duine sin a' call rudeigin brìghmhor nach till gu siorraidh ach a-mhà in ann an aisling 's ann am bruadar.
Sin a tha, dhomhsa, a tha dèanamh Nuair bha mi òg cho cumhachdach. Òran eireachdail far a bheil, o, tha mi smaoineachadh, doimhneachdan nach eil ann a' gin eile de Mhà iri Mhòr a thaobh a fiosrachadh pearsanta fhèin.
Leugh dà in eile a sgrìobh Mà iri Mhòr nan Òran
Air adhart gu
BeachdanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.