
Thogadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann ann an dachaigh far nach robh Gà idhlig air a bruidhinn. Dh'ionnsaich i Gà idhlig gu fileanta, a' toirt a-mach ceum anns a' chà nan ann an Oilthigh Obar Dheathain agus an uair sin trà chdas PhD air bà rdachd chrà bhach chlasaigeach na Gà idhlig.
Thòisich i a' sgrìobhadh bà rdachd nuair a bha i mu 24 bliadhna.
Chaidh a' chiad leabhar aig Meg, Òrain Ghaoil, fhoillseachadh ann an 1990. Nochd Aotromachd is Dà in Eile ann an 1997 agus chaidh a chur air adhart airson Duais Stakis na bliadhna sin. Chaidh an treas leabhar aice, Soirbheas, fhoillseachadh ann an 2007 agus chaidh a chur air adhart airson Duais Litreachais Saltire na bliadhna. Tha na dà in aice cuideachd air nochdadh ann an iomadh iris thar nam bliadhnaichean, nam measg Gairm, Chapman agus Lines Review.
Tha ùidh mhòr aig Meg ann am bà rdachd agus cuide ri Wilson Macleòid, chruinnich i seann bhà rdachd Ghà idhlig bho c.600 gu 1600 AD a chaidh fhoillseachadh ann an 2007 san leabhar, Duanaire na Sracaire.
Tha i air a bhith a' teagaisg ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Obar Dheadhain agus tha i na h-Òraidiche Urramach ann an Oilthigh Chill Rìmhinn.
Tha Meg 's a mac, Colm, an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach far a bheil i a' teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig.
Carson a ghabh Meg Bateman ùidh ann an Gà idhlig?
Chuir e iongnadh orm gu robh dualchas, cà nan agus cultar buileach eadar-dhealaichte ann an Alba. Ann an Dùn Èideann, bha mi dìreach cleachdte ri saoghal na Beurla Gallda agus saoghal na Beurla; saoghal nan Sasannach cuideachd ann an Dùn Èideann. 'S e iongantas a bh' ann gu robh an cultar buileach eadar-dhealaichte an seo, anns an aon dùthaich.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.