Tha a' mhòr-chuid den bhà rdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dà imh ri daoine agus à itichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an à m.
An rud as sònraichte mu bhà rdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-à raidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.
Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bà rdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.
Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-à raidh.
Cuin a thòisich i a' sgrìobhadh?
Saoilidh mi gun do thòisich mi dìreach as dèidh dhomh tòiseachadh air a' PhD. 'S e obair dhòrainneach a th' ann am PhD, tha thu leat fhèin ann an seòmar is chan eil fios agad an tig cà il à s. Chan eil fios agad am faigh thu cosnadh leis aig deireadh an latha, agus bha mi aonranach agus bored gu math tric.
Agus bha rudan a' tachairt na mo bheatha a bha cho dona is nach b'urrainn dhomh bruidhinn mun deidhinn. Bha m' athair air inntinn a chall gu ìre, is bha mi a' faireachdainn gu robh crìoch air tighinn air mo leanabachd - uill bha mi rudeigin mar 23 is bha an t-à m agam - agus cha b' urrainn dhomh bruidhinn os à irde mu na rudan seo. Anns a' choimhearsneachd againn nuair a chanas duine ciamar a tha thu, feumaidh tu rà dh, glè mhath. Ach bha cothrom agam anns a' bhà rdachd a bhith a' mìneachadh dhomh fhèin na bha a' tachairt.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.