
Thogadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann ann an dachaigh far nach robh Gà idhlig air a bruidhinn. Dh'ionnsaich i Gà idhlig gu fileanta, a' toirt a-mach ceum anns a' chà nan ann an Oilthigh Obar Dheathain agus an uair sin trà chdas PhD air bà rdachd chrà bhach chlasaigeach na Gà idhlig.
Thòisich i a' sgrìobhadh bà rdachd nuair a bha i mu 24 bliadhna.
Chaidh a' chiad leabhar aig Meg, Òrain Ghaoil, fhoillseachadh ann an 1990. Nochd Aotromachd is Dà in Eile ann an 1997 agus chaidh a chur air adhart airson Duais Stakis na bliadhna sin. Chaidh an treas leabhar aice, Soirbheas, fhoillseachadh ann an 2007 agus chaidh a chur air adhart airson Duais Litreachais Saltire na bliadhna. Tha na dà in aice cuideachd air nochdadh ann an iomadh iris thar nam bliadhnaichean, nam measg Gairm, Chapman agus Lines Review.
Tha ùidh mhòr aig Meg ann am bà rdachd agus cuide ri Wilson Macleòid, chruinnich i seann bhà rdachd Ghà idhlig bho c.600 gu 1600 AD a chaidh fhoillseachadh ann an 2007 san leabhar, Duanaire na Sracaire.
Tha i air a bhith a' teagaisg ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Obar Dheadhain agus tha i na h-Òraidiche Urramach ann an Oilthigh Chill Rìmhinn.
Tha Meg 's a mac, Colm, an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach far a bheil i a' teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig.
Carson is e Aotromachd an t-ainm a thug i an dà rna leabhar?
Dh'ainmich mi an co-chruinneachadh Aotromachd a chionn 's gu robh mi an dùil gur e Aotromachd an dà n as fheà rr a bha anns a' chruinneachadh sin. Cha b' ann idir a chionn 's gu bheil a' bhà rdachd fhèin aotrom, tha tòrr dhen bhà rdachd sin rudeigin dòrainneach. Ach nuair a thig dà n còmhla, nuair a tha a h-uile sìon anns an à ite cheart, nuair a tha e cho grìnn 's as urrainn dha a bhith, bidh e uaireannan a' faireachdainn aotrom – mar helium balloon. Mar sin 's dòcha gu bheil beagan dhen sin ann cuideachd.
Tha mi cinnteach nan leughadh cuideigin iad anns an òrdugh anns an deach an sgrìobhadh, gu faigheadh iad sealladh air na bha a' dol air adhart na mo bheatha, mas e sin an rud as cudromaiche mu dheidhinn bà rdachd. Saoilidh mi nach e. Saoilidh mi gur e toileachadh foirmeil is inntinnich ann am pìos bà rdachd, ciamar a tha e ag obair. Ach tha ar sròn a' cur dragh oirnn. Bidh mi fhèin ga dhèanamh, bidh mi a' smaoineachadh mu dheidhinn beatha a' bhà ird cuideachd.
Air adhart gu
CuspaireanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.