Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Oidhche Cogadh a' Ghulf
- Bha an seòmar ciùin geal mar eaglais
- nuair a dhùisg mi an-diugh 's mo ghaol ùr rim thaobh,
- a chuinnleanan a' lasadh an solas na maidne,
- is tharraing mi a cheann rim uchd
- air tuil toileachais
- cho buidhe 's cho fà smhor ris a' chiad latha.
- A-nochd spreadhaidh na bomaichean (san dol seachad)
- beòil a dheothail bainne bho chìch,
- buill a dh'fhàs cruinn air bà rr na talmhainn,
- 's iad a' sracadh stuth na sìth' –
- feòil ar carthannais,
- a' slaodadh fiù 's nan eun geala a-nuas dhan drabastachd.
Oidhche Cogadh a' Ghulf
Tha spreadhadh nam bomaichean calg-dhìreach an aghaidh an t-seallaidh ghil, neoichiontaich, chiùin a thug i air gaol ùr. Tha i a' cur an dà rud aghaidh ri aghaidh mar seo airson buaidh a thoirt oirnn. Dè a' bhuaidh a tha aige ortsa?
Tha 'san dol seachad' a' ciallachadh gu bheil daoine air am marbhadh ri linn turchairt. Tha iad san à ite cheà rr aig an à m cheà rr. Chan eil mòran diù aig duine dhaibh.
