Taghadh à lèirmheasan a chaidh a sgrìobhadh mun bhà rdachd aig Meg Bateman, cuide ri beachdan air an clà radh air bhidio agus ann an earrainnean fuaim.
MacThòmais, R. (An Samhradh 1991) Òrain Ghaoil.
Gairm, 155, td. 285

"Anns a' chiad chruinneachadh an seo, na h-òrain aig Meg Bateman, 's e guth a' chrà idh as trice a chluinneas sinn: crà dh airson leannan a chailleadh, gaol nach gabh sà sachadh, piuthar-mà thar a bhà saich, seann bhoireannach a chaill an duine aice. Thà inig gu leòr de bhà rdachd an uachdar à crà dh den t-seòrsa seo.
Tha rudan eile ann cuideachd: sùil gheur air maise nà dair, is air truaillidheachd ann am baile 's ann an anam. Agus cuimhne bhlà th.
Is dòcha gur h-i a' bhuaidh as là idire a tha aig bà rdachd, nuair a bheir i rudan gu math eadar-dhealaichte an lùib a chèile, 's a thuigeas sinn gu bheil am measgachadh seo air rud a tha gu tur ùr a thoirt am bith. Ged a tha a luach fhèin aig dealbh a nì bà rd air coill no monadh no muir no speur, no air dòrainn no aoibhneas a' chridhe, tha an luach uaireannan ga dhùblachadh nuair a thèid rudan nach eil ceangailte a chur ri chèile."
MacThòmais, R. (An Samhradh 1997) Aotromachd is dà in eile.
Gairm, 179, td. 283

Tha grunn math de na dà in seo air nochdadh mar-thà , cuid ann an Gairm agus ann an irisean 's an cruinneachaidhean eile, le aon taghadh air eadar-theangachadh cuideachd gu Gaeilge. Tha eadar-theangachadh gu Beurla air gach dà n san leabhar seo.
Tha a' mhòr chuid de na dà in ùra air a' chuspair seo, gu h-à raidh mun mhac a bh' aice o chionn grunnan beag bhliadhnaichean, agus an sgaradh a thà inig an dèidh sin. Tha na dà in fosgailte, dìreach mar as trice, uaireannan air an sgeadachadh le iomradh air dreach na dùthcha, craobhan is lusan.
Ann an cuid de na dà in as sine tha iomradh aice air cà irdean is eòlaich a chaochail, agus air an teaghlach aice fhèin an Dùn Èideann.
Tha na dà in mar as trice anns an nòs ùr, le corra fhear a' leantainn seann mhodh rannaigheachd, agus tha iad furasta, taitneach an leughadh, am Beurla no an Gà idhlig.
MacIlleDhuibh, R. (2 An t-Samhain 2007) Leabhraichean Ùra, Soirbheas.
The Scotsman

"..seo an cruinneachadh a b'fheà rr a dh'fhoillsich am bà rd riamh...
Bha mi riamh den bheachd nach robh ach dithis am bà rdachd Bateman – i fhèin 's an còrr den t-saoghal, 's iad am bad a-chèile daonnan. Ach ann an Soirbheas tha a' ghaoth ag atharrachadh. 'S ann mu deidhinn fhèin, am "mise bochd", a tha a h-uile dà rnacha dà n gun teagamh, ach tha "an còrr den t-saoghal" a-nis a' seasamh romhainn na mhìle duine diofraichte. Saoilidh mi gur e dol a dh'fhuireach dhan Eilean Sgitheanach, agus an leanabh aice a' fàs suas, as coireach ri seo: tha trì earrannan ann, "Air a' Ghà idhealtachd", "Tìm, an Aonaranachd agus an Gaol", agus "Cà irdean is Caraidean", agus 's e "Air a' Ghà idhealtachd" a b' fheà rr a chòrd rium. Tha roghainn aig an leughadair a-nis eadar bà rdachd phearsanta Meg, aig a bheil an t-uabhas ri rà dh mu chàs nam boireannach an-diugh, 's an seòrsa cameo a bheir a' bhreug dhan t-seanfhacal gun "fhiach dealbh mìle facal" – is fhiach aon bhà rdachd bheag den t-seòrsa seo mìle dealbh!"
Meek, D. E. (2002) An Adhaigh na Sìorraidheachd?
Bà ird na Ficheadamh Linn agus an Creideamh Crìosdail ann an Ò Baoill, C & McGuire, N.R. deas. Rannsachadh na Gà idhlig 2000. Oilthigh Obar Dheathain, Roinn na Ceiltis
Tha cuid de na bà ird as òige, mar Meg Bateman, a' faighinn toileachadh a cruinneachaidhean de bheul-aithris leithid Carmina Gadelica, ach tha i mothachail gum buin na carmina do shaoghal eile, saoghal a tha duilich a chur an lùib beatha nam bailtean mòra...
Chan eil a' bhana-bhà ird a' gèilleadh don bhruadar romantach a tha cho follaiseach an-diugh anns a' chreideamh nuadh-aoiseach sin, "Crìosdaidheachd nan Ceilteach". Tha i a' cluich leis an fhacal "dà n", mar a rinn iomadh bà rd roimhpe. Tha i a' feuchainn ri dà n a chruthachadh a tha a' freagairt, mar gum biodh air a dà n fhèin (anns an dà sheagh) anns an t-saoghal ùr seo.
Aonghas MacNeacail a' bruidhinn mu sgilean cà nain Meg Bateman
Bheirinn mo roghainn chan ann gu crìoch, ach gu tà mh tacain le dà n bho thè a tha a' sà mhlachadh ceum ùr eile do dhualchas nan Gà idheal. B' e Gà idhlig ionnsachadh a rinn Meg Bateman agus ma ghabhas sinn a bà rdachd mar thomhas, abair ionnsachadh. Cha leig sinn a leas a bhith teagmhach mu à m teachd na Gà idhlig - tha ann na chùmas beò i.
Air adhart gu
CeanglaicheanÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.