Tha a' mhòr-chuid den bhà rdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dà imh ri daoine agus à itichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an à m.
An rud as sònraichte mu bhà rdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-à raidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.
Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bà rdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.
Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-à raidh.
Na cuspairean as tric a bhios a' nochdadh
Nuair a thòisich mi b' e an gaol an cuspair bu chumanta. Bha an gaol mar seòrsa solas, mar seòrsa catalyst a bha ag iarraidh a' chuid is motha bhuam. Agus gu math tric bha mi mì-riarachte leis mar a bha mi. Bha mi a' faireachdainn gum bu chòir dhomh a bhith na b'fheà rr, na bu mhotha, na b'fhialaidhe airson faireachdainn a' ghaoil. Chan eil mi ag rà dh fiù 's airson fireannach sònraichte, ach an gaol fhèin. San latha an-diugh, tha barrachd ùidh agam ann an tìm agus anns a' bhà s. Tha mi aig ìre a-nise far a bheil mi a' coimhead air a' cheann thall.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.