Tha a' mhòr-chuid den bhà rdachd aig Meg Bateman mu dheidhinn ghnothaichean a' buntainn ri a beatha phearsanta agus a faireachdainn: mar eisimpleir, gaol agus teaghlach, a dà imh ri daoine agus à itichean agus ri rudan a tha air a bhith cudromach dhi na beatha. Uaireannan tha i a' bualadh air rudan eile cuideachd, leithid Cogadh a' Ghuilf, ach tha sin fhèin mar as trice air a cheangal ri a suidheachadh pearsanta aig an à m.
An rud as sònraichte mu bhà rdachd Meg Bateman, 's e cho fosgailte agus cho onarach is a tha i ann a bhith a' cur a faireachdainn an cèill. Tha seo gu h-à raidh fìor nuair a tha i toirt iomradh air suidhichidhean pearsanta den t-seòrsa air nach bi daoine glè thric dèidheil bruidhinn gu poblach.
Tha Bateman dha-rìribh sgileil air a smuaintean a chur an cèill gu soilleir, sìmplidh na bà rdachd. Tha i a' dèanamh seo ann am beagan bhriathran a tha an còmhnaidh air an deagh thaghadh.
Tha i a' cleachdadh an dà chuid saor-rannaigheachd agus stoidhle a tha dèanamh feum de chomhardadh agus de ìomhaighean den t-seòrsa a gheibhear anns na seann òrain gaoil gu h-à raidh.
Tha an stoidhl' sgrìobhaidh aice air atharrachadh
A' chiad bhà rdachd a rinn mi a-riamh, bha i na bu ghiorra agus na bu shìmplidh. A-nise, tha barrachd saorsa agam is saoilidh mi gu bheil mi a' feuchainn ri cùisean nas duilighe a chur ri chèile. Tha a' bhà rdachd nas fhaide. San latha an-diugh, tha tòrr dhith anns a' Bheurla is tha sin a' leigeil leam a bhith a' toirt a-steach iomraidhean air rudan Ameireaganach, rudan a bhuineas barrachd dhan chultar chumanta Bheurla againn.
Tha min dùil gu feum e a bhith ag atharrachadh tro na bliadhnaichean, no bhiodh tu a' fàs bored is cha bhiodh dad ùr agad ri dhèanamh. Fad an t-siubhail, tha thu a' feuchainn ri rud ùr a rà dh, rud do-innse, mar a chanadh Somhairle, a thoirt a-staigh ann.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.