B' ann an Gleann Dail air taobh siar an Eilein Sgitheanaich a rugadh Niall MacLeòid ann an 1843, agus chaidh a thogail san aon à ite. A rèir aithris, cha d' fhuair Niall cus foghlaim oifigeil, ach dh'ionnsaich e Beurla dha fhèin le bhith ga leughadh agus ga sgrìobhadh.
Bhiodh athair Nèill a' sgrìobhadh bà rdachd cuideachd, agus rachadh e tric còmhla ri mhac gu cèilidhean ionadail, far an cluinneadh Niall òrain is sgeulachdan. 'S coltach gun tug seo buaidh mhòr air a' bhalach agus thòisich e ri bà rdachd 's e fhathast òg.
Nuair a bha Niall timcheall air 20 bliadhna a dh'aois, chaidh e a Dhùn Èideann, far an robh e ag obair mar neach-siubhail aig gnìomhachas-teatha a cho-ogha. Chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha ann an Dùn Èideann, a' siubhal air feadh na dùthcha mar phà irt dhen obair aige.
Chaochail e ann an 1913.
Na bhà rdachd, bha e gu mòr fo bhuaidh 'romansachd' is a' ghluasaid Oiseanaich, a bha cumanta is ainmeil aig an à m. B' e seo an t-à m a chaidh coimhearsnachdan ùra Gà idhlig a chruthachadh ann am bailtean mòra na Galltachd. Canar gun robh Niall a' riochdachadh faireachdainnean nan coimhearsnachdan ùra seo le chuid bà rdachd. Gu tric bhiodh e a' dèanamh bà rdachd mun dachaigh agus mu dhòigh-beatha nan Gà idheal sna là ithean a dh'fhalbh, ged a chanadh feadhainn nach ann mar siud a bha an dòigh-beatha a-riamh.
Tha bà rdachd MhicLeòid air buaidh mhòr a thoirt air bà ird eile thar nam bliadhnaichean, agus cluinnear na h-òrain as ainmeile aige fhathast gu math tric aig cèilidhean agus air clà ran.
A rèir aithris, thòisich e a' dèanamh bà rdachd is e glè òg
A rèir aithris, tha mi tuigsinn gun do thòisich e air dèanamh bà rdachd nuair a bha e gu math òg. 'S e rud a bh' ann a dhèanadh cha mhòr a h-uile duine, chuireadh iad rann ri chèile, agus ma bha dad a' tachairt dhèanadh daoine òran mu dheidhinn, rann air choireigin, agus mar sin, bha an cleachdadh ann agus gu cinnteach bha an cleachdadh as an teaghlach acasan. Bha e timcheall air, cha b' urrainn dha a sheachnadh ged a bhiodh e ag iarraidh, agus tha mi a' tuigsinn gun thòisich e gu math òg air cuir òrain an ceann a-chèile.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.