Rinn Niall MacLeòid an dà chuid òrain èibhinn agus dà in sa bheil e a' toirt a bheachd air cuspairean mòra an latha am measg nan Gà idheal, leithid cor na Gà idhlig. Ach 's ann airson a bhith a' cur an cèill cianalas na bhà rdachd as ainmeile a tha e an-diugh.
Tha a' chuid as motha dhen bhà rdachd seo mun Eilean Sgitheanach agus gu h-à raidh mu dhòigh-beatha na linn a dh'fhalbh san Eilean, a tha e a' dealbhachadh mar à m a bha uile-gu-lèir sona "gun ghò". Rinn e cuideachd dà in eile a tha, a rèir choltais, stèidhte air suidheachaidhean tiamhaidh, romansach air an tarraing às a mhac-meanmna fhèin no far a bheil e a' bruidhinn às leth cuideigin eile, m.e. Mà iri Bhaile Chrò.
Tha bà rdachd Nèill MhicLeòid ag èirigh a-mach às a' ghluasad eaconomach a chunnaic coimhearsnachdan ùra Gà idhlig gan cruthachadh ann am bailtean mòra na Galltachd aig deireadh na 19mh linn. Tha e ga ghiùlain fhèin mar nà dar de 'bhà rd baile' airson na Gà idhealtachd ùir seo, a' riochdachadh a cho-eileanaich nan cianalas airson nan sgìrean a dh'fhà g iad agus a' cruthachadh dualchas dibhearsaineach ùr airson nan cruinnichidhean aca, dibhearsain le freumhan an dà chuid ann an taighean-cèilidh na seann Ghà idhealtachd agus ann am Music Hall a' bhaile-mhòir.
Bha fèill mhòr air bà rdachd Nèill MhicLeòid na latha agus tha sin fìor gu ìre fhathast, gu h-à raidh anns an Eilean Sgitheanach. Is e aon adhbhar airson seo gu bheil e a' cur an cèill faireachdainnean a bha, agus a tha, cumanta am measg a' mhòr-shluaigh agus gu bheil faclan nan òran aige sìmplidh, an rannaigheachd siùbhlach agus na fuinn tarraingeach.
Dè na cuspairean a bha nochdadh sa bhà rdachd aige?
Bha bhà rdachd aig Niall a' ruith air iomadach cuspair, eadar gaol - dh'fhaodadh e as a' là as an robh esan beò, dh'fhaodadh bà rd iomradh a thoirt air gaol. As an t-seann aimsir, cha toireadh na seann bhà ird iomradh air an leithid de rud! Ach, ann an là Nèill, 's e cuspair a bha gu math cumanta am measg nam bà ird, bà ird nan òran.
Bha grà dh dùthcha, cianalas, poileataigs gu ìre, ged nach robh neart no an nimh anns na bh' aige ri rà dh, 's a chluinneas sinn as a' bhà rdachd aig leithid Mhà iri Mhòr 's aig Uilleam MacDhunlèibhe, 's iad sin.
'S bha cuideachd dhibhearsain. 'S bha sin, sin a' chuid dhe bhà rdachd a tha mi smaoineachadh a bu mhòr a bha còrdadh ri daoine. Bha togail ann, bha e toirt gà ire air daoine, agus tha mi smaoineachadh gun robh sinn cudromach dha. Bha e ag iarraidh sin a dhèanamh, bha e ag iarraidh togail a thoirt air inntinnean dhaoine, agus dìreach a' toirt orra a bhith faireachdainn na b' fheà rr mu dheidhinn an crannchur, dh'fhaoidte.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.