Rinn Niall MacLeòid an dà chuid òrain èibhinn agus dà in sa bheil e a' toirt a bheachd air cuspairean mòra an latha am measg nan Gà idheal, leithid cor na Gà idhlig. Ach 's ann airson a bhith a' cur an cèill cianalas na bhà rdachd as ainmeile a tha e an-diugh.
Tha a' chuid as motha dhen bhà rdachd seo mun Eilean Sgitheanach agus gu h-à raidh mu dhòigh-beatha na linn a dh'fhalbh san Eilean, a tha e a' dealbhachadh mar à m a bha uile-gu-lèir sona "gun ghò". Rinn e cuideachd dà in eile a tha, a rèir choltais, stèidhte air suidheachaidhean tiamhaidh, romansach air an tarraing às a mhac-meanmna fhèin no far a bheil e a' bruidhinn às leth cuideigin eile, m.e. Mà iri Bhaile Chrò.
Tha bà rdachd Nèill MhicLeòid ag èirigh a-mach às a' ghluasad eaconomach a chunnaic coimhearsnachdan ùra Gà idhlig gan cruthachadh ann am bailtean mòra na Galltachd aig deireadh na 19mh linn. Tha e ga ghiùlain fhèin mar nà dar de 'bhà rd baile' airson na Gà idhealtachd ùir seo, a' riochdachadh a cho-eileanaich nan cianalas airson nan sgìrean a dh'fhà g iad agus a' cruthachadh dualchas dibhearsaineach ùr airson nan cruinnichidhean aca, dibhearsain le freumhan an dà chuid ann an taighean-cèilidh na seann Ghà idhealtachd agus ann am Music Hall a' bhaile-mhòir.
Bha fèill mhòr air bà rdachd Nèill MhicLeòid na latha agus tha sin fìor gu ìre fhathast, gu h-à raidh anns an Eilean Sgitheanach. Is e aon adhbhar airson seo gu bheil e a' cur an cèill faireachdainnean a bha, agus a tha, cumanta am measg a' mhòr-shluaigh agus gu bheil faclan nan òran aige sìmplidh, an rannaigheachd siùbhlach agus na fuinn tarraingeach.
Dè na h-ìomhaighean a tha a' nochdadh sa bhà rdachd?
A thaobh ìomhaighean, dhomhsa, tha na h-ìomhaighean anns na h-òrain aige cho soilleir. Seo an rud, saoilidh tu gur e, ann an dòigh, gur e drà ma, gur e dealbh-chluich a th' ann an feadhainn dhiubh, gu h-à raidh an fheadhainn èibhinn. Chì thu a h-uile rud, 's tha e uabhasach math air an rud a tha seo: an dealbh bhòidheach, bhrèagha agus an uair sin, nuair tha gnothaichean a' dol ceà rr, 's tha e ag atharrachadh gu rud tur eadar-dhealaichte. Tha e uabhasach math air a' ghluasad tha sin, dìreach gu h-aithghearr, on an darna rud chun a' rud eile. Tha sin math, 's tha sin a' tighinn a-staigh ann an mòran dhen a' bhà rdachd aige. Ìomhaighean air a bheil daoine eòlach, rudan a bhiodh daoine a' tuigsinn.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.