SgrĂądadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhĂ rdachd
Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn
- Nan laighe 'n seo gu h-ìosal
- Far na thiodhlaic sinn an triĂąir
- Bha fallain, lĂ idir, inntinneach
- Nuair dh'inntrig a' Bhliadhn' Ùr;
- Cha deachaidh seachad fathast
- Ach deich latha dhith o thĂąs;
- Ciod fhios nach tig an teachdair' s' oirnn
- Nas braise na ar dĂąil?
- Am bliadhna thìm bha dithis diubh
- Air tighinn on aon bhroinn,
- Bha iad nan dĂ chomarad
- O choinnich iad nan cloinn;
- Cha d' bhris an t-aog an comann ud,
- Ged bu chomasach dha 'n roinn,
- Ach gheĂ rr e snĂ thainn na beatha s' ac'
- Gun dĂ il ach latha 's oidhch'.
- Aon duine 's bean on tĂ inig iad,
- Na brĂ ithrean seo a chuaidh;
- Bha an aon bheatha thìmeil ac'
- 'S bha 'n aodach dan aon chluaimh;
- Mun aon uair a bhĂ saich iad,
- 'S bha 'n nĂ dar dan aon bhuaidh;
- Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo
- 'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh.
- Daoine nach d' rinn briseadh iad
- 'S e fiosrachail do chĂ ch,
- 'S cha mhò a rinn iad aon dad
- Ris an can an saoghal grĂ s,
- Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
- Is thogadh iad, is dh'fhĂ s;
- Chaidh strĂ c dan t-saoghal thairis orr',
- 'S mu dheireadh fhuair iad bĂ s.
- Nach eil an guth seo labhrach
- Ris gach aon neach againn beò,
- Gu h-Ă raidh ris na seann daoinibh
- Nach d' ionnsaich an staid phòst',
- Nach gabh na tha na dhleastanas
- A dheasachadh an lòn,
- Ach caomhnadh nì gu falair dhaibh
- 'S a' falach an cuid òir?
- Cha chaith iad fèin na rinn iad,
- Agus oighreachan cha dèan,
- Ach ulaidhnean air shliabh ac'
- Bhios a' biathadh chon is eun.
- Tha iad fon aon dìteadh
- Fo nach robh 's nach bi mi fhèin,
- Gur duirche, taisgte 'n t-òr ac'
- Na nuair bha e 'n tòs sa mhèinn.
- Freastal glic an Àrd Rìgh:
- Dh'fhĂ g e pĂ irt de bhuidheann gann,
- Gu feuchainn iochd is oileanachd
- Dan dream dan tug e meall.
- Carson nach tugtadh pòrsan
- Dhen cuid stòrais aig gach à m
- Do bhochdannaibh a dheònaicheadh
- An còrr a chur na cheann?
- An dèidh na rinn mi rùsgadh dhuibh –
- Tha dùil agam gun lochd –
- 'S a liuthad focal fìrinneach
- A dhìrich mi nur n-uchd,
- Tha eagal orm nach èist sibh
- Gu bhith feumail don a' bhochd
- Nas mò na rinn na fleasgaich ud
- A sheachdain gus a-nochd.
Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn
Tha an rann ainmeil seo a' toirt dealbh air na brĂ ithrean mar dhaoine nach do rinn an dara cuid math no cron fad am beatha
Tha an dòigh sa bheil an riochd 'fulangach' air a chleachdadh – m.e. 'ghineadh', 'rugadh' - gu h-à raidh sgileil. Chaidh an dithis tro cheumannan nà darra mar breith agus fà s: thachair rudan dhaibh ach cha do ghabh iad fhèin riamh grèim air cùrsa am beatha.
Tha 'strà chd' a' tighinn o thomhas grà in no flùir: nuair a bhiodh an soitheach là n bha maide air a tharraing thairis air a' bhà rr – sin 'strà chd'.
Tha an loidhne mu dheireadh ag ainmeachadh bàs an dithis cha mhòr anns an dol-seachad – 'mu dheireadh fhuair iad bà s': cha robh am beatha cudromach is cha mhò a tha am bà s.
