Âé¶¹Éç

18mh linn / Rob Donn MacAoidh

µþà°ù»å²¹³¦³ó»å - Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

'S e an dàn seo eisimpleir de na marbhrainn ainmeil aig Rob Donn anns am bi e, sa chumantas, a' toirt breith air beatha an neach a chaochail, an àite a bhith ga mholadh no ga chàineadh, agus a' tarraing leasain às an sin dhan mhòr-shluagh.


Tha e a' cur an t-suidheachaidh an cèill gu sgiobalta sa chiad rann, rud air a bheil e math: chaochail dà bhràthair spìocach (agus am bean-taighe) an taobh a-staigh de sheachdain. Bha seo goirid às deidh dhaibh duine bochd a thionndadh on doras gun sgillinn.


Tha rannan 2 agus 3 ag innse mun dàimh mhì-chumanta dhlùth a bha eatarra. Tha an ceathramh rann ainmeil mar dhìteadh air an dithis mar dhaoine nach do rinn diofar sam bith dhan t-saoghal mun cuairt orra nam beatha, math no dona: cliog air Daoine airson seo. Tha °äà²Ô²¹²Ô a' comharrachadh sgil Roib Dhuinn le cainnt gheur agus ìomhaighean agus tha Leasan a' dèiligeadh ri an cèill, 's nan co-dhùnaidhean a tha e a' tarraing às an t-suidheachadh seo.


Lean na comharran airson a' bhàrdachd a mhìneachadh. Nuair a nì thu sin, theirig air ais agus leugh a' bhàrdachd air fad a-rithist.


Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

  • Nan laighe 'n seo gu h-ìosal
  • Far na thiodhlaic sinn an triùir
  • Bha fallain, làidir, inntinneach
  • Nuair dh'inntrig a' Bhliadhn' Ùr;
  • Cha deachaidh seachad fathast
  • Ach deich latha dhith o thùs;
  • Ciod fhios nach tig an teachdair' s' oirnn
  • Nas braise na ar dùil?
  • Am bliadhna thìm bha dithis diubh
  • Air tighinn on aon bhroinn,
  • Bha iad nan dà chomarad
  • O choinnich iad nan cloinn;
  • Cha d' bhris an t-aog an comann ud,
  • Ged bu chomasach dha 'n roinn,
  • Ach gheàrr e snàthainn na beatha s' ac'
  • Gun dàil ach latha 's oidhch'.
  • Aon duine 's bean on tàinig iad,
  • Na bràithrean seo a chuaidh;
  • Bha an aon bheatha thìmeil ac'
  • 'S bha 'n aodach dan aon chluaimh;
  • Mun aon uair a bhàsaich iad,
  • 'S bha 'n nàdar dan aon bhuaidh;
  • Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo
  • 'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh.
  • Daoine nach d' rinn briseadh iad
  • 'S e fiosrachail do chàch,
  • 'S cha mhò a rinn iad aon dad
  • Ris an can an saoghal gràs,
  • Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
  • Is thogadh iad, is dh'fhàs;
  • Chaidh stràc dan t-saoghal thairis orr',
  • 'S mu dheireadh fhuair iad bàs.
  • Nach eil an guth seo labhrach
  • Ris gach aon neach againn beò,
  • Gu h-àraidh ris na seann daoinibh
  • Nach d' ionnsaich an staid phòst',
  • Nach gabh na tha na dhleastanas
  • A dheasachadh an lòn,
  • Ach caomhnadh nì gu falair dhaibh
  • 'S a' falach an cuid òir?
  • Cha chaith iad fèin na rinn iad,
  • Agus oighreachan cha dèan,
  • Ach ulaidhnean air shliabh ac'
  • Bhios a' biathadh chon is eun.
  • Tha iad fon aon dìteadh
  • Fo nach robh 's nach bi mi fhèin,
  • Gur duirche, taisgte 'n t-òr ac'
  • Na nuair bha e 'n tòs sa mhèinn.
  • Freastal glic an Àrd Rìgh:
  • Dh'fhàg e pàirt de bhuidheann gann,
  • Gu feuchainn iochd is oileanachd
  • Dan dream dan tug e meall.
  • Carson nach tugtadh pòrsan
  • Dhen cuid stòrais aig gach àm
  • Do bhochdannaibh a dheònaicheadh
  • An còrr a chur na cheann?
  • An dèidh na rinn mi rùsgadh dhuibh –
  • Tha dùil agam gun lochd –
  • 'S a liuthad focal fìrinneach
  • A dhìrich mi nur n-uchd,
  • Tha eagal orm nach èist sibh
  • Gu bhith feumail don a' bhochd
  • Nas mò na rinn na fleasgaich ud
  • A sheachdain gus a-nochd.

Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to .

Teacsa

Teàrlach Quinnell ag aithris Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn

Teàrlach Quinnell ag aithris an dàn, Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Rob Donn MacAoidh

Air adhart gu

Beachdan

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.