Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Tha am bà rd ag innse mu na ministearan a bh' aca
Bha toiseach-tòiseachaidh nan dùsgaidhean soisgeulach no spioradail a thà inig gu buil a-rithist anns an 19mh, meadhan an 19mh linn le cuir air chois na h-eaglais shaor, bha sin a' tòiseachdainnn ann an à itichean à raidh mar Siorrachd Pheairt agus Cataibh, far a' robh Rob Donn, ri linn Rob Duinn.
Agus bha daoine tòiseachdainnn a' coimhead air dol a-mach na ministearan a bh' aca, mar eisimpleir, 's a' toirt am beachd orra, agus gu h-à raidh bha iad a' faireachdainn gu robh cuid aca glè thric 's e mic uaislean no mic fear-tac no leithid sin a bh' annta, agus bha iad a' coimhead air a' mhinistrealachd dìreach mar dòigh air stìpein, air tuarasdal fhaighinn, no air talamh a bhith aca 's a' leithid sin, 's cha robh cus ùidh ac' ann an gnothaichean spioradail. Ministearan maide, mar a chanadh daoine a-rithist, agus bha daoine tòiseachdainnn a' beachdachadh air a' sin 's tha mi cinnteach gum biodh Rob Donn is na còmhraidhean a bhiodh eadar e-fhèin agus feadhainn dhe na ministearan soisgeulach a bh' ann, mar an t-Urramach Murchadh Dòmhnallach, gum biodh iad a' beachdachadh air a' sin, air daoine a bha timcheall orra. Agus 's ann mu dheidhinn sin a tha an t-òran, an dà n a tha seo Òran na Clèire.
Tha e bruidhinn air, gun dèanadh na ministearan a bh' aca tòrr - dhèanadh iad factaran math, dhèanadh iad stiùbhardan math, dhèanadh iad siud 's dhèanadh iad seo 's dhèanadh iad iasgairean 's a h-uile cà il eile, tuathanaich, ach, "mach o 'n chèard air 'n do mhionnaich iad, tha na h-uile nì ceart ac'," tha e rà dh. Agus sin an aon rud a tha dhìth orra. 'S tha e bruidhinn a-rithist air nach eil air a' toirt seachad eisimpleir mhath. Bha esan ag iarraidh gum biodh iad coibhneil 's fialaidh ri daoine 's mar sin, 's cha robh, agus bha e rà dh "mur eil eisimpleir agaibh, chan eil ur teagasg ri chunntadh, Ach mar neach a' toirt comhairl', is coma gabhail na diùltadh." 'S tha e crìochnachadh an rann sin ag rà dh, "Cò a dh' itheadh gu sunndach, am biadh a dhiùltadh an còcair'? 'S tha e leantainn air a' sin nach robh an teagaisg aca nach robh iad air, nach robh an teagaisg aca coileanta gu robh iad uaireannan a' searmonachadh gur e gràs a bha cunntadh 's uaireannan eile gur e obraichean a bha cunntais, 's uaireannan eadar an dà rud, agus bha e bruidhinn orra gu math tà ireil "o nach eun e 's nach luchag, ni e trusdair do dh' ialtag," siud caran eadar an dà rud. Mar sin bha e beachdachadh air an dol a-mach a bh' aca, bha e beachdachadh air an teagaisg a bh' aca, agus bha e toirt breith air na rudan sin.
Leugh dà in eile a sgrìobh Rob Donn MacAoidh
Air adhart gu
BeachdanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.