Rugadh Sìleas Nighean Mhic Raghnaill, no Sìleas na Ceapaich, mu 1660, aig Both Fhionndain, faisg air a' Cheapaich ann an siorrachd Inbhir Nis.
B' i nighean Ghilleasbaig Mac Mhic Raghnaill, 15mh ceann-cinnidh clann Dòmhnaill na Ceapaich, a bha e-fhèin na bhà rd. B' i a mà thair Mà iri Nic Mhà rtainn, nighean Dhonnchaidh Mhà rtainn, à Loch Abar.
Phòs i Alasdair Gòrdanach, fear aig an robh tuathanas mu mhìle tuath air far a bheil Tom an t-Sabhail an-diugh. Aig an à m ud, bha sgìre Loch Abair fo smachd an Diùc Gòrdain.
An ceann tìde, chaidh iad a dh'fhuireach gu Baile Dòrnaidh faisg air Hunndaidh. Chan eil fhios le cinnt co mheud duine-cloinne a bh' aice, ach saoilear bhon bhà rdachd aice gun robh còignear mhac agus triùir no ceathrar nighean ann.
Ma chaidh na h-òrain aig Sìleas a sgrìobhadh sìos, cha do mhair gin dhiubh chun an latha an-diugh, agus b' ann bho bheul-aithris a chaidh an cur air pà ipear. Chan urrainnear a rà dh le cinnt gun deach gin de na pìosan a dhèanamh ro 1700, agus 's dòcha gu bheil seo a' sealltainn nach do thòisich Sìleas a' dèanamh bà rdachd gus an robh i 40 bliadhna a dh'aois.
Tha e follaiseach bhon bhà rdachd aice gun robh Sìleas gu mòr air taobh nan Seumasach, agus gur ann tro shùilean a cinnidh fhèin, na Dòmhnallaich, a bha i a' faicinn na bha a' tachairt.
Am measg nan cuspairean a bu trice a bha a' nochdadh na cuid bà rdachd bha: a teaghlach fhèin, gnothaichean poilitigeach, laoidhean, comhairle do nigheanan, agus ceòl.
Thathar ag rà dh gun deach Sìleas iompachadh gu beatha dhiadhaidh às dèidh dhith fulang le droch thinneas. Ged a chùm i ri dòighean-adhraidh Caitligeach a teaghlaich fhèin fad a beatha, tha e coltach gun tà inig atharrachadh air a sealladh air creideamh.
Chan eil à m no adhbhar a bà is soilleir, ach thathar a' tomhais gun do chaochail i mu 1729.
Anna Frater ag innse mu bheatha Sìlis
Chan eil na tha sin a dh'fhiosrachadh againn le cinnt mu dheidhinn beatha Shìleas na Ceapaich. Thathas dhan a bheachd gun do rugadh i timcheall air 1660 agus tha fios againn gu robh i pòsta aig fear, Alasdair Gordain à Canadail.
A rèir na clà ran, tha ceathrar dha clann a' nochdadh: Seumas, Seòras, Alasdair agus Catrìona. Ach, a rèir na h-amhrain aice, bha Gilleasbaig agus Anna agus Mà iri ann a bharrachd air a' sin, agus leis an sin, chan eil fiù 's fios againn dè cho mòr sa bha a teaghlach.
A-rithist, chan eil cinnt cuin a bhà saich i, 's dòcha timcheall air 1730. Tha fios againn gu robh i fhathast beò nuair a bhà saich Alasdair à Gleanna Garadh, ach, agus chan eil fios againn cà ite bheil i air a tìodhlacadh.
Agus leis an sin, mur a biodh na h-amhrain aice, 's dòcha nach biodh fios aig eachdraidh gu robh a leithid a thè ri Sìleas na Ceapaich air a bhith ann.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.