Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
Alasdair à Gleanna Garadh
- Alasdair à Gleanna Garadh,
- Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh;
- 'S beag iongnadh mi bhith fo chreuchdaibh,
- 'S gur tric gan reubadh às ùr iad;
- 'S beag iongnadh mi bhith trom-osnach,
- 'S meud an dosgaidh th' air mo chà irdibh;
- Gur tric an t-eug uainn a' gearradh
- Rogha nan darag as à irde.
- Chaill sinn ionann agus còmhla
- Sir Dòmhnall 's a mhac 's a bhrà thair;
- Ciod e 'n stà th dhuinn bhith gan gearan?
- Thuit Mac Mhic Ailein sa bhlà r uainn;
- Chaill sinn darag là idir liath-ghlas
- A chumadh dìon air ar cà irdean,
- Capall-coille bhà rr na giùthsaich,
- Seobhag sùil-ghorm lùthmhor là idir.
- Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
- Anns gach gnothach am biodh cùram,
- Aghaidh shoilleir sholta thlachdmhor,
- Cridhe fial farsaing mun chùinneadh;
- Bu tu roghainn nan sà r-ghaisgeach,
- Ar guala thaice, 's tu b' fhiùghail;
- Leòmhann smiorail fearail feumail,
- Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.
- Nam b' ionann duitse 's do Dhòmhnall
- An uair a chuir e 'n long air muir,
- Cha tigeadh tu dhachaigh gu brà th
- Gun fhios dè 'm fà th às 'n do chuir;
- Nuair a chunnacas air an trà igh sibh
- A bhith gur fà gail air faondradh,
- Thuit ar cridheachan fo mhulad:
- 'S lèir a bhuil – cha robh sibh saogh'lach.
- Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
- Bu tu sgoltadh iad gu 'n sà iltibh,
- Bu tu curaidh cur a' chatha,
- Bu tu 'n laoch gun athadh là imhe;
- Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg',
- Fìreun air an eunlaith 's à irde,
- Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
- Bu tu damh leathann na crà ice.
- Bu tu 'n loch nach fhaodt' a thaomadh,
- Bu tu tobar faoilidh na slà inte,
- Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
- Bu tu chreag nach fhaodt' a theà rnadh;
- Bu tu clach uachdair a' chaisteil,
- Bu tu leac leathann na srà ide,
- Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
- Bu tu clach uasal an fhà inne.
- Bu tu 'n t-iubhar thar gach coillidh,
- Bu tu 'n darach daingeann là idir,
- Bu tu 'n cuileann 's bu tu 'n draigheann,
- Bu tu 'n t-abhall molach, blà thmhor;
- Cha robh do dhà imh ris a' chritheann
- No do dhligheadh ris an fheà rna;
- Cha robh bheag annad den leamhan;
- Bu tu leannan nam bà n à lainn.
- Bu tu cèile na mnà prìseil,
- 'S oil leam fhèin da dìth an-drà st' thu;
- Ged nach ionann dòmhsa 's dhìse,
- 'S goirt a fhuair mise mo chà radh;
- H-uile bean a bhios gun chèile,
- Guidheadh i Mac Dè na à ite,
- O 's E urra bhith ga còmhnadh
- Anns gach bròn a chuireas càs oirr'.
- Guidheam t' anam a bhith sà bhailt'
- On a chà ireadh anns an ùir thu;
- Guidheam sonas air na dh'fhà g thu
- Ann ad à ros 's ann ad dhùthaich;
- Gum faic mi do mhac ad à ite
- Ann an saidhbhreas 's ann an cùram:
- Alasdair à Gleanna Garadh,
- Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh.
Alasdair à Gleanna Garadh
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhà rdachd
