Tha bà rdachd Sileas na Ceapaich a' gabhail a-steach poilitigs an ama – mar eisimpleir, òrain air blà r Sliabh an t-Siorraim – laoidhean spioradail, òrain aotrom (leithid comhairle do nighnean òga mu shuirighe) agus marbhrainn.
Tha cuid de na marbhrainn do leithid a' cheann-cinnidh, Alasdair à Gleann a Garradh, agus cuid eile dha teaghlach fhèin, is gu h-à raidh dha fear-pòsta is an nighean aice a chaochail an taobh a-staigh de sheachdain dha chèile. Tha mar sin bà rdachd Sìlis a' ruith air cuspairean 'poblach' agus 'pearsanta' agus, fiù 's ann a' bhà rdachd-cinnidh aice, tha uaireannan a faireachdainnean fhèin a' tighinn troimhe.
Tha Sìleas uaireannan a' cleachdadh nan sgilean traidiseanta bà rdachd, leithid an t-seann mheadrachd syllabic, ach glè thric 's e meadrachd ùr nan òran a tha aice. Tha e fìor a rà dh mar sin gu bheil i, mar bhana-bhà rd, air an starsaich eadar seann bhà rdachd oifigeil nan cinnidhean agus a' bhà rdachd ùr a bha dol a thighinn gu ìre nas fhaide air adhart san 18mh linn.
Dè na cuspairean a bu trice a bh' aig Sìleas?
'S e na cuspairean a bu trice a bh' aig Sìleas: Na Seumasaich, Clann Dòmhnaill, a teaghlach fhèin, agus a' creideamh, agus i a' beachdachadh air mar a bha gnothaichean an latha a' bualadh air na ceithir chuspairean a bha sin.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.