Tha bà rdachd Sileas na Ceapaich a' gabhail a-steach poilitigs an ama – mar eisimpleir, òrain air blà r Sliabh an t-Siorraim – laoidhean spioradail, òrain aotrom (leithid comhairle do nighnean òga mu shuirighe) agus marbhrainn.
Tha cuid de na marbhrainn do leithid a' cheann-cinnidh, Alasdair à Gleann a Garradh, agus cuid eile dha teaghlach fhèin, is gu h-à raidh dha fear-pòsta is an nighean aice a chaochail an taobh a-staigh de sheachdain dha chèile. Tha mar sin bà rdachd Sìlis a' ruith air cuspairean 'poblach' agus 'pearsanta' agus, fiù 's ann a' bhà rdachd-cinnidh aice, tha uaireannan a faireachdainnean fhèin a' tighinn troimhe.
Tha Sìleas uaireannan a' cleachdadh nan sgilean traidiseanta bà rdachd, leithid an t-seann mheadrachd syllabic, ach glè thric 's e meadrachd ùr nan òran a tha aice. Tha e fìor a rà dh mar sin gu bheil i, mar bhana-bhà rd, air an starsaich eadar seann bhà rdachd oifigeil nan cinnidhean agus a' bhà rdachd ùr a bha dol a thighinn gu ìre nas fhaide air adhart san 18mh linn.
An e rud annasach a bh' ann am boireannach ri bà rdachd?
Aig an à m as an robh Sìleas beò, cha shaoil mi gur e rud annasach a bh' ann gu robh boireannaich ri bà rdachd. 'S e 's dòcha rud a-mach às an à bhaist a bh' ann na cuspairean air a' robh Sìleas a' dèanamh bà rdachd. Tha fios againn gun d'fhuair bana-bhà ird na bu trà ithe, Mà iri Nighean Alasdair Ruaidh, a cà ineadh leis gu robh i a' teannachadh ri amhrain molaidh a dhèanamh nuair nach robh còir aig boireannaich a bhith dèanamh ach cumha, tà ladh agus amhrain-obrach, agus leis a' sin, chaidh Sìleas na b'fhaide buileach tarsainn air na crìochan a bha sin le bhith a' dèanamh dà in poilitigeach, le bhith dèanamh dà in molaidh dha cloinn fhèin, ach cuideachd gu robh i a' dèanamh dà in spioradail cuideachd. Bha i rudeigin a-mach às an à bhaist, ged a bha boireannaich a' dèanamh bà rdachd chan e an seòrsa bà rdachd a bha Sìleas a' dèanamh a bha 'd a' dèanamh.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.