Rugadh Uilleam Ros anns an t-Srath san Eilean Sgitheanach ann an 1762. B' e Sgitheanach a bha na athair agus bhuineadh a mhà thair do Sgìre Gheà rrloich.
Ghluais an teaghlach gu Farrais gus am faigheadh Uilleam agus a phiuthar foghlam clasaigeach. B' e deagh sgoilear a bh' ann agus an dèidh dha an sgoil fhà gail thill an teaghlach gu Geà rrloch.
B' e ceannaiche-siubhail a bha na athair, 's ged nach robh Uilleam là idir na bhodhaig, bhiodh e tric a' siubhal gu na h-eileanan 's air feadh na dùthcha còmhla ris. Mar sin, fhuair Uilleam eòlas air diofar à iteachan agus air dualchainntean na dùthcha.
An dèidh dha tilleadh a Gheà rrloch, chaidh a shuidheachadh mar mhaighstir-sgoile san sgìre. Bha Uilleam ealanta ann an ceòl - chluicheadh e an fhidheall, am feadan 's grunnan ionnsramaidean-ciùil eile. Mar sin, bhiodh Uilleam air a bhith math aig cèilidhean, agus b' esan cuideachd a bhiodh a' togail an fhuinn san eaglais.
Lean e air na mhaighstir-sgoile gus an do bhris a shlà inte. Chaidh e a Dhùn Èideann a shireadh taic bho dhotairean ann an 1782, 's chaidh moladh dha gum biodh èadhar ghlan nam beanntan math dha. Ach, an dèidh gluasad gu Brà ghad Albainn eadar 1783-86, cha do dh' fhàs a shlà inte cà il na b' fheà rr.
Chaochail e leis a' chuing 's an caitheamh ann an 1790 's gun e ach ochd bliadhna fichead a dh'aois. B' ann am Bad a' Chrò a chaochail e, 's chaidh adhlacadh ann an Clachan Gheà rrloich.
Ged a rinn Uilleam Ros diofar sheòrsachan de bà rdachd – nam measg, dà in molaidh, bà rdachd nà dair agus òrain èibhinn - 's ann airson na h-òrain gaoil as ainmeile a tha e, 's gu h-à raidh na h-òrain a rinn e do Mhòr Ros. A rèir beul-aithris, thuit Uilleam ann an trom ghaol le Mòr Ros, a bhuineadh do Steòrnabhagh, 's e air chuairt sa bhaile na òige. Rinn e iomadh òran air a son, ach thrèig i e agus phòs i fear eile.
Thathar ag rà dh gun do chuir Uilleam a bhà rdachd na theine mus do bhà saich e 's nach eil air fhà gail ach na pìosan a bh' air bilean an t-sluaigh.
Ag innse mu beatha a' bhà ird
Rugadh Uilleam Ros, bà rd an Eilein Sgitheanaich, faisg air an t-Sìthein, faisg air a' rathad, ma leanas tu a' rathad a-mach às an Ath Leathann, rathad Ealaghol, air do là imh dheis chì thu là rach Coire Chatachain, taigh mòr a bha ann nuair a thà inig an Dotair Johnson agus Boswell air a chuairt Ghà idhealach aca, agus 's ann glè fhaisg air a' sin a bha clachan beag, baile beag dham buineadh Uilleam Ros.
B' ann às an Eilean Sgitheanach a bha athair, Iain Ros, ach b' ann à Geà rrloch a bha mhà thair, agus is ann air taobh a mhà thair a bha a' bhà rdachd agus an ceòl. 'S e Iain MacAoidh, pìobaire ainmeil, Am Pìobaire Dall, mar a ghabhas sinn air, a bha na sheanair, pìobaire Sir Eachainn MhicCoinnich Gheà rrloich. Agus mar sin, tha fhios againn gu robh beagan de bhà rdachd co-dhiù na do cheòl, agus 's dòcha an dà chuid ann an.. as na genes aig Uilleam Ros.
A rèir choltais cha robh e slà n na.. bha e car euslainteach nuair a bha e na leanabh, agus mar sin cha bhiodh e comasach dha bhith a' dol an sàs ann an obair mar a dhèanadh balaich eile dha aois.
A rèir choltais, nuair a bha e òg, 's nuair a bha e tinn, thogadh a mhà thair ann an cliabh e air a druim nuair a bhiodh i dol a-mach a dh'obair. Agus bha, 's dòcha gur e sin a bu choireach nach robh, fhios agad, nach robh e buan na bheatha, gun d'fhuair galair air choireigin, 's dòcha an caitheamh, grèim air nuair a bha e car òg.
Ach, co-dhiù, dh'aithnich iad gu robh tà lantan ann agus gu robh feum.. dh'aithnich an teaghlach gum feumadh e foghlam fhaighinn agus a rèir an eachdraidh-bheatha a thug Iain MacCoinnich dhuinn ann an Sà r Obair nam Bà rd Gà idhealach, tha sin ag innse dhuinn gun deach a phà rantan gu tìr-mòr agus gun tug iad gu sgoil grà mair e ann a' Forres. Tha fhios gu robh sgoil grà mair ann an Forres aig an à m agus ged nach b' urrainn dhomh fhìn lorg fhaighinn air a' bhà rd a bhith ann a' sin, tha fhios gun d'fhuair e foghlam ceart.
Nuair a thà inig e gu aois bha e.. tha rudan as a' bhà rdachd aige a tha leigeil fhaicinn gu robh beagan de Laideann aige agus cò aig' tha fios Greugais cuideachd. Co-dhiù, tha Laideann aige. Tha e bruidhinn air na Diathan Greugach 's rudan mar sin, Apollo agus na Muses 's na... a' cheòlraidh, 's rudan mar sin. Agus cuideachd tha pìos de Laideann a' tighinn a-steach don bhà rdachd aige ann an dòigh no dhà .
Cuideachd tha e follaiseach gu robh e mar... bho na dà in aige fhèin, tha e follaiseach gu robh e air feadh na Gaidhealtachd, ann an Braghad Albainn, ann an Cill Fhìnn, ann a' Dùn Èideann, agus tha sin co-cheangailte ris a' rud a thug Iain MacCoinnich dhuinn a-rithist, gun do dh'fhà g athair a chroit agus gun do ghabh e air mar mharsanta-siubhail, mar fhear-paca, a' dol timcheall nan eilean a' reic rudan beaga agus gun tug e Uilleam Ros còmhla ris nuair a bha e siubhal. 'S dòcha gu robh e na b'fheà rr a bhith siubhal na bhith 'g obair aig an à m sin.
Co-dhiù, tha teist ann a' cuid de na dà in aige gu robh e ann an à itichean fad is farsaing, 's cuideachd tha fhios againn gu robh e ann a' Leòdhas, chionn 's ann nuair a bha e ann a' Leòdhas a thachair e ris an nighean a bha gu bhith na cuspair don bhà rdachd aige nuair a thà inig e gu aois inbhe, sin Mòr Ros. Agus gu dearbha tha e 'g innse dhuinn ann a' 'Feasgair Luain' mar a chunnaic e i airson a' chiad turas a-riamh aig, aig dannsa, bà l, ann an Steòrnabhagh. Bha dannsaichean ac' ann an Steòrnabhagh fiù 's as an ochdamh linn deug!
Agus 's e.. tha e, fhios agad, ged a thuit am bà rd ann an troma-ghaol le Mòr Ros, agus ged a tha sinn a' tuigsinn gun do gheall ise gum biodh i dìleas dhà san, thà inig fear eile a rathad, 's e caiptean a bh' ann agus.. Tha fhios againn cò bh' ann chionn tha pà ipearan ann a tha 'g innse dhuinn gun do phòs Mòr Ros a' fear a bha seo, sgiobair à Liverpool, Captain Clough, agus gun do dh'fhalbh iad a Shasainn, gun do dh'fhà g iad am bà rd. Sin aon rud a tha deimhinnte mu dheidhinn beatha a' bhà rd bhon a fhuair Uilleam MacMhathain nach maireann a-mach na pà ipearan-pòsaidh agus rudan mar sin a tha 'g innse dhuinn gun do thachair seo an da-rìribh.
A thaobh a' bhà rd fhèin, fhuair e dreuchd a' tilleadh a-nise gu Bad a' Chrò, gu Geà rrloch às dèidh dha fhoghlaim fhaighinn, agus às dèidh bhith siubhal. Fhuair e dreuchd mar mhaighstir-sgoile as a' bhaile aige fhèin, ann an Geà rrloch, agus ged nach robh e uabhasach fada beò às dèidh sin, dìreach beagan bhliadhnaichean, tha e coltach gur th' ann dhan linn sin, na bliadhnaichean aig... 's dòcha.. an dèidh dha a bhith aig Ghalltachd agus air Ghaidhealtachd.
Tha beul-aithris ag innse dhuinn gu robh e math air dà in a ghabhail air.. gum biodh e seinn na salm, gum biodh e a' cluich air an fhidheall, ioma rud mar sin, agus cuideachd a' dol timcheall na taighean mòra agus gu h-à raidh an t-à ite ris an canadh iad Flowerdale, 's e sin taigh mòr Tighearna Gheà rrloch, Sir Eachainn MacCoinnich.
Sin a' seòrsa beatha a bh' aige agus.. ach gu mì-fhortanach cha do mhair e fada. Chan eil fhios agam buileach dè dh'èirich dha, ach leis gu robh laige air choireigin na bhodhaig bhon a bha e òg, tha e coltach gur e rud mar a' chaitheamh a rinn às dha, agus fhuair e bàs aig aois ochd thar fhichead.
Air adhart gu
CuspaireanCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.