Ged a rinn Uilleam Ros bà rdachd de iomadh seòrsa – nam measg dà in molaidh, bà rdachd nà dair agus òrain èibhinn - 's ann airson nan òran gaoil aige as ainmeile a tha e agus gu h-à raidh na h-òrain a rinn e faisg air deireadh a bheatha ghoirid (chaochail e aig 28) do Mhòr Ros.
Tha na h-òrain seo an dà chuid là n faireachdainn agus air leth ealanta san dòigh sa bheil iad air an cur ri chèile agus tha iad gu h-à raidh drùidhteach anns an dòigh sa bheil iad a' toirt còmhla fhaireachdainn mun ghaol, mu shlà inte (bha a' chaitheamh air) agus mun dòigh a bha daoine a' dèanamh tà ire air na daoine dha robh e (bha athair na cheannaiche-siubhail).
A' beachdachadh air stoidhle na bà rdachd
Uaireannan tha mise faireachdainn gu bheil là mh-an-uachdair aig na dà in ghrà dh, aig na dà in gaoil, agus uaireannan tha mi a' faireachdainn gu bheil là mh-an-uachdair aig an duine là n à bhachdais is spòrs is aighear a tha thu faicinn a' nochdadh a' siud 's an seo anns na h-òrain aotrom.
Agus an uair sin, gu dè tha thu dol a dhèanamh leis na dà in a tha as a' mheadhan, sin na dà in far a bheil e a' feuchainn ri toirt a-steach, ma tha mi ceart, dòighean ùra, stoidhlichean ùra de bhà rdachd. Ma tha e comasach dhuinn a bhith eadar dà chomhairle, chà nain gu bheil am bà rd cho nà darra sa bhios e aig à m sam bith nuair a bhios e a' tarraing à duin' eile, tighinn dà na air duin' eile agus a' seasamh a là mh, mar gun canadh tu, ann an connspaid bhà ird.
Nuair a tha thu ann an taigh-òsta ann an Cill Fhìnn, ann an aon òran, tha e follaiseach gun tuirt cuideigin, "Carson a tha thu a' dol cho fada ri Geà rrloch?" 's am bà rd fà gail Dùn Èideann 's a' smaoineachadh air beatha ùr a dhèanamh dha fhèin air Ghà idhealtachd. Agus carson a rachadh duine a Gheà rrloch? Agus tha e "coming out fighting" mar gun canadh tu.. agus tha e togail, tha e tarraing à Iain Mac Fhearchair, "Ma mholas gach eun a thìr fhèin, carson a rèisd nach moladh mise," mar a thuirt Iain Mac Fhearchair. Tha Uilleam a' tarraing às agus an uair sin a' dol gu moladh Gheà rrloch, agus an dealbh a th' aige do Gheà rrloch, tha daoine ann, fhios agad, nuair a tha thu bruidhinn air na bà ird proifeiseanta mar a bha MacCodrum, tha na daoine ann ceart gu leòr, ach tha thu dìreach a' cur tick ann am bogsa, tha daoine ann. Ach nuair a tha thu a' bruidhinn ri, ag èisteachd ri Uilleam Ros, tha thu 'g èisteachd ri gach seòrsa spòrs agus cur-seachad a bh' aig an òigridh, aig, fhios agad, na gillean ri camanachd agus na caileagan ri luaidh a' chlò, 's rudan mar sin.
Tha e nas fhaisg, tha e nas òige, 's e sin rud cudtromach, feumaidh sinn cuimhneachadh gu robh e aig à rd a chomais as na 20an agus mar sin, fhios agad, tha òran eile aige nach eil aig Calders far a bheil e mach air na dannsaichean.
Seo rud glè inntinneach. Tha e coltach gu robh, aig an à m a bha Uilleam beò, gu robh seòladairean bhon taobh a deas a' tighinn a-steach a Gheà rrloch ann a' bà taichean mòra agus a' togail na sgadain saillte. Bha iasgach a' sgadain a' togail air aig an à m agus bha na bà taichean mòra a' tighinn a-steach a' Cheann Loch Chille Chiarain is à iteachan mar sin. 'S mar sin, bha maraichean gallda, seòladairean gallda, timcheall an à ite 's gun dad aca ri dhèanamh, agus tha e follaiseach gu robh dannsaichean 's rudan mar sin, diversions mar sin, gan cumail a' dol, agus gu robh 'n òigridh, òigridh na dùthcha, gan tarraing a-steach.
Agus tha dà n aig Uilleam Ros far a bheil e, far am fairich thu gu bheil e ag rà dh, uill, thoiribh an aire, 's e beatha ùr a tha seo 's tha e gu math fasanta 's tha e math a bhith dannsa 's a' toirt a-steach na jigichean agus na ruidhlichean a thathar a' dèanamh an Dùn Èideann, ach thoiribh an aire, tha rudan eile a' tighinn nan cois. Agus tha seo a' tighinn a-mach ann an dòigh gu math amalaichte, 's tha e ann an guth sgiobair gallda a tha 'g innse, o tha an t-à ite a tha seo cho brèagha, chan eil sinn gann de dhrama, chan eil sinn gann de chaileagan, agus tha a' leigeil fhaicinn beag is beag, fhios agad, gu bheil an duine seo mar ex-pat sam bith eile agus gu bheil e a' gabhail air a shocair, agus 's dòcha gabhail a bhrath air cuid de na caileagan neo-chiontach a tha tighinn chun na dannsaichean tha seo. Sin rud eile a tha e ag innse dhut.
Chan eil na beachdan aige fhathast air sìoladh, tha e fhathast a' faicinn dà thaobh air a cheist, no trì taobhan, chan eil 'ad cho geur is cho deimhinne 's a tha cuid de na bà ird eile a fhuair aois, ach tha sin nà darra gu leòr.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.