Ged a rinn Uilleam Ros bà rdachd de iomadh seòrsa – nam measg dà in molaidh, bà rdachd nà dair agus òrain èibhinn - 's ann airson nan òran gaoil aige as ainmeile a tha e agus gu h-à raidh na h-òrain a rinn e faisg air deireadh a bheatha ghoirid (chaochail e aig 28) do Mhòr Ros.
Tha na h-òrain seo an dà chuid là n faireachdainn agus air leth ealanta san dòigh sa bheil iad air an cur ri chèile agus tha iad gu h-à raidh drùidhteach anns an dòigh sa bheil iad a' toirt còmhla fhaireachdainn mun ghaol, mu shlà inte (bha a' chaitheamh air) agus mun dòigh a bha daoine a' dèanamh tà ire air na daoine dha robh e (bha athair na cheannaiche-siubhail).
A' beachdachadh air gaol sa bhà rdachd
Ma thionndaidheas sinn gu na h-òrain gaoil, tha rudan aig Uilleam Ros far a bheil e, fhios agad, tha e cuir cùl ris na h-ìomhaighean coitcheann 's tha e bruidhinn air fhèin, air mar a tha an gaol ga chur a thaobh, fhios agad, tha e mar aonaran, tha daoine eile còmhla ach tha esan air a chur a-mach às a' chearcall leis a' ghaol, agus chan eil aige ach e fhèin. Agus tha e bruidhinn air na faireachdainnean aige, cho là idir sa tha e, 's nuair a tha bruidhinn air a' chaiptean Shasannach, an sgiobair Shasannach a tha toirt leis a' nighean a bha gaol air Uilleam oirre, tha thu a' faicinn lìonadh is trà thadh, gach faireachdainn far a bheil e, fhios agad, far a bheil bà idh ann is an uair sin fearg is diomb, agus an uair sin chan urrainn dha gun a bheannachd a thoirt dhan dithis aig deireadh an òrain. Feumaidh e beannachd fhà gail aig an dithis aca, bhon a tha an gaol a th' aige air an nighean cho iomallan. Chan eil sin as a' bhà rdachd, as na seann bhà ird, chan eil gu dearbha.
Air adhart gu
µþà °ù»å²¹³¦³ó»åÂé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.