Amas: Cuidich le ceà rn robach den bhaile a leasachadh. Tha na bùithtean uile air dùnadh agus chan eil cà il ri dhèanamh. Tha daoine òga a' cruinneachadh agus a' dol an sàs ann am miastadh. Dèan leasachaidhean a chumas gach neach dòigheil.
Tha Ant, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus tha e deònach comhairle a thoirt seachad.
'S iad Badu, Raonaid agus Ruairidh na triùir a dh'fheumar a riarachadh.
Tha Badu, a tha a' fuireach san à ite, ag iarraidh:
• bùithtean ùra
• taighean nas fheà rr
• isà bhailteachd rathaid leasaichte
• barrachd chur-seachadan dha daoine òga.
Tha Raonaid, a tha ùr dhan à ite, ag iarraidh:
• goireasan ath-chuartachaidh
• bùithtean ùra
• srà idean nas tlachdmhoire
• solais nas fheà rr air na srà idean
• sà bhailteachd rathaid leasaichte
• gà rradh coimhearsnachd
• à ite far am faigh a Granaidh air bobhladh a chluich.
Tha Ruairidh, aig a bheil dithis ghillean nan deugairean a bhios ga chuideachd le a stà ile sa mhargaid, ag iarraidh:
• cur-seachadan dha daoine òga
• sà bhailteachd rathaid leasaichte
• solais nas fheà rr air na srà idean agus CCTV
• bùth ionadail
• srà idean nas tlachdmhoire
• cafaidhean is takeaways
• raon eacarsaich le cur-seachadan dha na h-uile.
Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• sreath de bhùithtean ionadail
• diofar sheòrsaichean de sholais srà ide
• bionaichean is goireasan ath-chuartachaidh
• goireasan ùra spòrs agus lotaichean curachd
• uidheam sà bhailteachd
• craobhan is leapannan fhlùraichean
• riaghailtean ùra.
³Ò²Ôì´Ç³¾³ó²¹²Ô
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson na goireasan fhosgladh:
• Rannsaich Ath-chuartachadh
Èist ri criomag mu sgeama ath-chuartachaidh glainne is pà ipeir sna h-Eileanan Siar. Freagair na ceistean gu ceart airson sgeama ath-chuartachaidh a bhuannachadh dhan choimhearsnachd le bionaichean ath-chuartachaidh agus steigear dha gach taigh a ghabhas pà irt.
• Pròiseact Buidheann Ghnìomhachais
Seall ri bhidio ghoirid le clann bun-sgoile aig an robh buidheann iomairt a rinn DVD. Freagair na ceistean gu ceart airson luibhean is beingean a bhuannachadh dha gà rradh na coimhearsnachd.
• Rèitich Còmhstri mu Raon Cur-seachad
Èist ri na diofar bheachdan mu mar a ghabhas an raon eacarsaich a leasachadh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dhà de na trì bhòtaichean airson goireasan dhan raon eacarsaich a bhuannachadh.
• Iomairt airson Bùithtean Ionadail
Èist ri na diofar bheachdan mun t-seòrsa bhùithtean bu toigh le daoine fhaicinn a' fosgladh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson sreath bhùithtean a bhuannachadh dhan à ite.