Amas: Thoir air muinntir na sgìre agus na gnìomhachasan aontachadh mu mar bu chòir dhan chomhairle ath-leasachadh a dhèanamh am meadhan a' bhaile. Dèilig ri na ceistean is na duilgheadasan agus dèan cinnteach gum bi a' choimhearsnachd air fad air a cur air thoiseach.
Tha Moilidh, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus deònach comhairle a thoirt seachad.
'S iad Ruairidh, Raonaid, Magaidh, Badu agus Ailean a dh'fheumar a riarachadh.
Tha Ruairidh, aig a bheil stà ile sa mhargaid, ag iarraidh:
• barrachd dhaoine a thà ladh dhan bhaile
• na togalaichean falamh a chur gu feum
• barrachd à iteachan pà ircidh oir cha toigh leis busaichean
• ionad chur-seachad a tha saor a chleachdadh
• à ite coinneachaidh dha daoine òga
• gnìomhachasan ionadail gus am bi na srà idean nas tarraingiche.
Tha Raonaid, a tha a' fuireach an seo, ag iarraidh:
• ionad coimhearsnachd
• busaichean dha luchd-ceannachd
• na bùithtean a bhith dùinte air an oidhche
• à iteigin far am faod i a caraidean a choinneachadh an-asgaidh.
Tha Magaidh, aig a bheil bùth, ag iarraidh:
• pà irc chà raichean dha luchd-ceannachd
• barrachd bhùithtean
• airgead a thogail airson gà rradh cuimhneachaidh
• còmhdhail phoblach nas fheà rr.
Tha Badu, a bhios a' coinneachadh a charaidean ann am meadhan a' bhaile, ag iarraidh:
• clubaichean an-asgaidh dha daoine òga
• ròidean a tha sà bhailte airson baidhsagalachd
• còmhdhail phoblach leasaichte
• à iteigin far am faigh e fhèin agus a charaidean air coinneachadh
• barrachd bhùithtean.
Tha Ailean, a tha ag obair dha companaidh ionadail, ag iarraidh:
• barrachd bhùithtean is ghnìomhachasan a thà ladh a-steach
• gà rradh sa mhargaid
• am baile a dhèanamh nas sà bhailte air an oidhche.
Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• bùithtean ùra
• stà ilichean ùra sa mhargaid
• à irneis srà ide
• oifisean, taigh-dhealbh, pà irc chà raichean, ionad eacarsaich, gailearaidh, ionad coimhearsnachd
• camarathan CCTV, stad bhusaichean, slighean bhaidhsagail
• riaghailtean ùra mu bhùithtean a bhith fosgailte air an oidhche.
³Ò²Ôì´Ç³¾³ó²¹²Ô
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson goireasan fhosgladh:
• Rannsaich Pròiseact Aithris Sgoile
Seall ri bhidio ghoirid mu sgoil a chaidh a-steach airson pròiseact a' BhBC air Aithris Sgoiltean. Freagair na ceistean gu ceart gus daoine òga a' bhaile a dhèanamh nas dòigheile agus airson seann dhaoine a chuideachadh a' tuigsinn an duilgheadasan.
• Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air comhairliche ionadail cuideachadh le bhith a' toirt cairtean lasachaidh dha daoine òga airson an taigh-dhealbh is an ionaid eacarsaich.
• Rèitich Còmhstri Ath-leasachaidh
Èist ri na diofar bheachdan mu bhith ag ath-leasachadh meadhan a' bhaile. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson togalaichean, bùithtean, stà ilichean margaid, à irneis srà ide, bionaichean agus feartan airson sà bhailteachd rathaid a bhuannachadh.
• Fuasgail Còmhstri Pà irc Chà raichean
Èist ri na diofar bheachdan mu dè bu chòir a dhèanamh le pà irc-chà raichean meadhan a' bhaile. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson pà irc-chà raichean ioma-là ir, a gheibhear air a chleachdadh nuair a thèid an obair ath-leasachaidh a dhèanamh, a bhuannachadh.
• Togail Airgid
Tog airgead airson luibhean a cheannach gus am bi am baile nas tarraingiche.