Anns a' chlà r chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Ruigidh bòrdaichean-sneachda astair còrr is dà cheud cilemeatair san uair. Tha sneachd sleamhainn is tha e a' lùghdachadh an lùth-shuathaidh eadar an talamh is am bòrd. Mar sin siubhlaidh bòrdaichean-sneachda luath dha-rìribh. |
|
Bidh bruic ag ith freumhan, dearcagan, sìl, seilcheagan, boiteagan, ruagairean, losgainn, radain agus luchan. Mmm. Bidh iad a' fuireach ann am buidhnean teaghlaich. 'S e tuill a chanar ri na dachaighean aca. Bidh bruic a' cladhach rumannan fo-thalamh, co-cheangailte le tunailean. Bidh iad a' stòradh an cuid bidhe ann an rùm mòr nan toll. |
|
'S e duilleagan as motha a bhios burrais ag ith. Feumaidh iad tòrr ithe gus am bi de lùth annta a thèid nan leòmainn is nan dealain-dè. Mar a tha iad a' fàs tha an craiceann a' fàs ro bheag dhaibh is bidh iad ga thilgeil. Dìreach mar a dh' fhà sas d' aodach ro bheag dhut fhèin. Faodaidh beatha burrais a bhith na ghnothach cunnartach. Tha breug-riochd air leth cudromach oir is toigh le tòrr eòin an ithe. |
|
Tha CDan gan dèanamh à plastaig is tha filleadh meatailt annta ris an canar alman. Bithear a' cleachdadh alman cuideachd airson sgeileadan a dhèanamh. Bidh leusair a' cur slaicean beaga air uachdar an CD. Tha pà tran nan slaic a' dèanamh còd airson fiosrachadh a stòradh. Tha mu thrì billean (3,000,000,000,000) slaic air. |
|
Iarr air inbheach do chuideachadh leis an fhear seo. Measgaich dà ugh air am bualadh, dà cheud agus caogad gram flùir le fùdar-fuine, ceud, fichead 's a còig gramime, ceud, fichead 's a còig gram siùcair donn mìn agus trì bananathan mòra, air am pronnadh. Dòirt an taois ann an tiona mhòr airson aran no cèic. Bruich an taois ann an à mhainn aig ceud agus ochdad puing Celsius airson uair a thìde. Thoir a-mach e, leig leis fuarachadh, agus gabh do leòr. |
|
Tha cìochag-thrà ghad coltach ri flùraichean ach 's e beathaichean a th' annta. Bidh iad a' gluasad cho slaodach is gu bheil e doirbh dèanamh a-mach an do ghluais iad idir. Bidh na greimichean dathte aca a' glacadh, a' guineadh is a' marbhadh an creiche. Bidh cìochag-thrà ghad ag ithe is a' salach tron aon tholl. |
|
Tha tùsanaich Astrà ilia air a bhith a' cleachdadh chorrain itealaich airson 10, 000 bliadhna. Nuair a thèid corran-itealaich a thilgeadh ceart, snìomhaidh e san èadhar. Tha cumadh nan corran-itealaich a' toirt orra itealaich ann an cearcall gus an till iad thugad. Ach feumaidh tu fàs cleachdte ris. |
|
Co mheud clach de dhiofar dath a chruinnicheas tu? An lorg thu clachan srianach? Dè tha thu a' smaoineachadh a tha seo a' ciallachadh? |
|
'S e gèam traidiseanta Albannach air a chluich air deigh a th' ann an crolaidh. Bidh aon chluicheadair a' bruthadh clach throm a dh'ionnsaigh targaid air an deigh. Bidh na cluicheadairean eile an uair sin a' lìomhadh na deighe air beulaibh na cloiche airson an là r a dhèanamh nas sleamhainne. Le bhith a' stèidheachadh sleamhna na deighe, gheibh iad air a' chloich a stiùireadh dìreach gu far a bheil iad ga h-iarraidh. |
|
Dèan cudrom-siùdain le sreang agus crèadh-deilbhidh. Cleachd teip steigeach airson an t-sreang a chur air cliathaich bùird, agus thoir air luasgadh bho thaobh gu taobh. Tomhais an ùine a bheir e mus stad e. An lorg thu dòigh air toirt air luasgadh airson barrachd ùine? An lorg thu dòigh air toirt air gluasad nas luaithe? |
|
Greimichidh cuibhlichean rubair gu math air uachdar garbh rathaid air sgà th neart ris an canar lùth-shuathaidh. Ach ma nithear uachdar an rathaid nas rèidhe is nas deà lraiche chan eil uimhir de lùth-shuathaidh ann. Tha seo a' ciallachadh nach greimich na cuibhlichean cho math. |
|
Faodar lusan a chur ann am buidhnean a rèir cumadh na duilleige aca. Tha duilleagan leathann mòr agus còmhnard. Tha duilleagan cumhang fada agus tana. Tha duilleagan dealgach a' tighinn gu gob biorach. Feuch fhèin e: Cruinnich duilleagan a tha air tuiteam anns a' ghà rradh, no anns a' phà irc, agus dèan dealbh leotha. |
|
Bidh daimh-fèidh a' brùthadh a chèile le na cabair aca. Faodaidh damh ruadh a bhith cho trom ri ceud agus seasgad cileagram. Tha sin nas truime na sianar chloinne aois ochd bliadhna. Nuair a shà thas dà fhorsa an aghaidh a chèile, 's e am forsa as motha a bhuannaicheas. Feuch fhèin e: feuch gleac-gà irdein còmhla ri do charaidean. Cò tha a' dèanamh am forsa as motha? |
|
Bidh damhain-nathrach a' tòiseachadh mar bhògasan gun sgiathan ris an canar ainnirean. Bidh ainnirean a' fuireach air bonn lòin airson suas ri còig bliadhna. Tha ceithir sgiathan air damhain-nathrach inbhidh. Faodaidh na cuirp aca a bhith gorm, uaine no dearg, le comharran dubha, geala no buidhe. Bidh damhain-nathrach ag ithe bhiastagan iteach nas lugha. Chì iad iad bho suas ri sia meatairean bhuapa agus sgiutaidh iad air an creich aig còrr is naochad 's a còig cilimeatair san uair. |
|
Tha an dath ann am pinn fealt air a dhèanamh bho dhiofar cheimigean.Cuir cnap de dhath le peann fealt air pà ipear cidsin. Leig leis tiormachadh. Feuch fhèin e: Cuir aon bhoinneag uisge air a' chnap thioram. Sgaoilidh cearcaill de dhath a-mach bhuaidhe. Tha iad a' sealltainn nan ceimigean de dhiofar dhathan a rinn suas an dath anns a' pheann. |
Anns a' chlà r chithear cuspair agus geà rr-chunntas de fhiosrachadh nan cà irtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shà bhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.