Anns a' chlà r chithear cuspair agus fiosrachadh gach cairt. Tha eadar-theangachadh cuid de na facail a leanas agus facail feumail eile rim faighinn air an duilleag Briathrachas Saidheans.
| CAIRT | FIOSRACHADH |
|
Ma theasaicheas deigh thà thte tionndaidhidh i na uisge lionnte. Dh'fhaodadh blà thachadh na cruinne na tha de dheigh aig a' Phòla a Tuath a leaghadh sna ath cheud bliadhna. Nuair a dh' fhà sas uisge blà th tionndaidhidh e na ghas san à ile. Canaidh sinn 'smùid' ris a' ghas seo. Faodaidh creagan teth faisg air bholcà nothan toirt air smùid spùtadh a-mach às an talamh. |
|
Nuair a thathas a' dèanamh rudan ann am factaraidh, thathas gan cur fo dheuchainn mus tèid an cur gu bùithtean airson an reic. Tha na deuchainnean sin a' dèanamh cinnteach gu bheil na rudan sà bhailt is ag obair mar as còir. Feumaidh an deuchainneachadh seo a bhith cothromach. Ann an deuchainn chothromach feumaidh gach rud a bhith san aon òrdugh gach uair a thèid a chleachdadh - ach a mhà in an nì a tha thu a' deuchainneachadh. Dè a thachradh mur a biodh sinn a' cur rudan fo dheuchainn? |
|
Chleachd dobhair-choin a bhith air feadh Bhreatainn ach chaidh an sealg a-mach à bith. Bhathas gan sealg airson am bèin is airson ceimic nan cuirp a tha ag obrachadh mar aspirin. Ach ann an Alba thathas an dòchas an toirt air ais. |
|
Bidh duilleag-bhà thte a' fàs ann an uisge ciùin. Tha gach lus a' fàs gu mu thrì meatair. Bidh duilleag-bhà thte a' cuideachadh beathaichean lòin a' tarraing anail le bhith a' dèanamh builgeanan beaga ocsaidein san uisge. |
|
Tha steall èadhair air a shà thadh a-mach à einnsean plèana aig astar luath. Tha an sà thadh seo a' toirt air a' phlèana gluasad an aghaidh a cùrsa, agus mar a tha e a' cumail a' sà thadh, tha am plèana a' cumail a' dol nas luaithe 's nas luaithe. Feuch fhèin e: dèan seit-einnsean. Cuir gaoth ann am bailiùn, agus an uair sin leig às e gun snaidhm a chur air. Faic e a' sgèith air feadh an à ite. Cuir sgiathan cairt-bhòrd air a' bhailiùn le teip steigeach. An toir thu air sgèith ann an loidhne dhìrich? |
|
'S e nà dar de lùth-shuathaidh a th' ann an aghaidheachd uisge. Tha cumadh rèidh is còmhnard air èisg. Tha seo a' toirt cothrom dha uisge sgiorradh nas fhasa seachad air an cuirp, aghaidheachd uisge ìsleachadh agus an astar a mheudachadh. 'S e an cairbhean an t-iasg as luaithe a chaidh a chlà radh a-riamh. Rinn e ceud agus a naoi cilimeatairean san uair. Tha sin nas luaithe na cheetah. |
|
Mur eil iad ann an soitheach, bidh gasaichean a' sgaoileadh a-mach gu luath. Chan fhuirich iad san aon à ite. Tha a' chuid as motha de ghasaichean cumanta neo-fhaicsinneach - ach tha fà ileadh là idir bho chuid dhiubh. Feuch fhèin e: iarr cùbhrachd air iasad agus cuir aon bhoinneag ann an truinnsear. Iarr air caraid seasamh trì ceumannan air falbh len sùilean dùinte. Dè cho fad 's a bheir e mus fhairich do charaid fà ileadh na cùbhrachd? Nuair a dh'fhalbhas am fà ileadh, gabhaibh à ite cà ch a chèile, agus feuch a-rithist e. Ciamar a dhèanadh tu seo na dheuchainn chothromach? |
|
Nuair a thig air daoine teicheadh à plèana ann an èiginn cleachdaidh iad na fanain sin. Tha am fanan air leth rèidh. Cumaidh seo daoine bho bhith glacte le bhith ag ìsleachadh an lùth-shuathaidh ach a-mhà in air bonn an fhanain. An seo tha pìos garbh a' cur maill air daoine gus nach tuit iad is nach goirtich iad iad fhèin. |
|
Gluais truinnsear pà ipeir gu socair san adhar. A-nis gluais an truinnsear nas luaithe agus fairichidh tu an èadhar a' bruthadh air ais an aghaidh an truinnseir Dè ma dh'fheuchas tu truinnsear nas motha? Am fairich thu an aghaidheachd èadhair? |
|
Ann am farpaisean an duine là idire bidh aig co-fharpaisich ri truca a shlaodadh gu math tric. Tha mu chòig-deug tunna a chuideam san truca is feumar a shlaodadh fichead meatair. Ach 's e an rud as dorra toirt air an truc gluasad sa chiad à ite. |
|
'S ann anns a' chiad sia mìosan dem beatha as luaithe tha daoine a' fà s. An dèidh sin tha am fàs a' slaodachadh beagan. Mura biodh, bhiodh mu thrì billean tunna annad mun à m a ruigeadh tu trithead. |
|
Bidh feòcallain ag innse dha chèile far a bheil iad a' fuireach le bhith sgaoileadh lionn grod bhon tòin. 'S toigh leotha bhith fuireach ann an coilltean far am faigh iad am biadh as fheà rr leotha leithid choineanaich, eòin, uighean is losgainn. Uaireannan crùbaidh iad ann an sabhalan blà th a-mach às an fhuachd. |
|
Bidh feòragan a' cruinneachadh chnothan as t-fhoghar ach chan ann airson a bhith cluich leotha. Bidh iad a' toirt nan cnothan deà lrach a-mach às na cèisean spìceach is gan tiodhlacadh còmhla ri cnothan eile leithid bachar. Nuair a thig an geamhradh fuar, tha stòr de bhiadh blasta aig an fheòraig airson ith. |
|
Tha fionnanan-feòir Breatannach mu mheud bonn nota. Leumaidh iad fichead uiread an cuirp. Nan dèanadh tusa sin leumadh tu à irde togalaich seachd là irich. Bidh fionnanan-feòir a' spùtach a-mach salchar donn gus teich a chur air an nà imhdean. |
|
Milleanan bliadhna air ais chaidh beathach no lus mharbh a chòmhdach ann am poll. Nuair a lobh am beathach no an lus dh'fhà g e a chumadh fhèin sa pholl. Tro thìde chaidh grà innean gainmhich is creige a nighe a-steach dhan mholltair seo is thà inig iad ri chèile mar an rud ris an canar fosail. Innsidh fosailean dhuinn mu bheathaichean o chionn fhada - leithid dineosaran. |
Anns a' chlà r chithear cuspair agus geà rr-chunntas de fhiosrachadh nan cà irtean dèanaidh. Dh'fheumar moladh dhan chloinn a bhith mothchail mu shà bhailteachd gach obair phractaigich agus a bhith cinnteach gu bheil inbheach còmhla riutha.